Çorlu

Çorlu

Suidheachadh
Dùthaich An Tuirc
CeàrnÇorlu Belediyesi
SgìreTekirdağ İli
Co-chomharran41° 09 00' Tuath
27° 48 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd1,729.69 km²
Àireamh-shluaigh235,354 (2017)
Dlùths136.07/km²
Àireamh fòn+ 282
Duilleag oifigeilhttp://www.corlu.bel.tr/portal/

'S e baile mòr agus sgìreachd (Turcais: belediye) air an àirde an iar-thuath Poblachd na Tuirce a th' ann an Çorlu (IPA: tʃoɾɫu, Laideann: Syrallo/Caenophrurium, Greugais: Τζίραλλον). Tha Çorlu suidhichte eadar Istanbul agus Tekirdağ, san roinn (Turcais: ili) Tekirdağ, aig 183m os cionn ìre na mara.[1] Tha 235,354 duine a' fuireach ann.[2]

Eachdraidh

B' e na Phrygiaich agus na seann Ghreugaich a stèidhich Çorlu ann an Aois an Umha. 'S ann às a' Ghreugais τυρί (Gàidhlig: càise) a thàinig an t-ainm.[3] Cheannsaich na Pearsach agus na Ròmanaich am baile. B' e Murad I a cheannsaich am baile ann an 1360, is e a' toirt ionnsaigh air An Impireachd Bheasantian. Chaochail Selim I an seo ann an 1520, agus Bayezid II ann an 1511, air an t-slighe gu Dimetoka is e na fhògrach.[4] Chaidh am baile fo bhuaidh feachdan na Ruise tron Chogadh 1877 - 1878 agus fo na Bulgairianaich ann an 1912. Mu dheireadh thall rinn arm na Grèige an aon rud eadar 1920 agus 1922.

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

🔥 Top keywords: