A' Ghrèig Àrsaidh

B' e sìobhaltas anns a' Ghrèig agus air feadh na Mara Meadhanaiche eadar 1000 RC agus 600 an dèidh Chrìosta a bha anns a' Ghrèig Àrsaidh.

Mapa na Grèige Àrsaidh le Matthäus Seutter.

Tha i cudromach ann an saoghal an litreachais, mar h-eisimpleir le obair aig Homer,[1] eachdraidh agus cruinn-eòlas aig Herodotus[2] agus saoghal na feallsanachd, gu h-àraid Plato[3] agus Aristotle.[4]

Ath-chum Alasdair Mòr an t-saoghal leis a cheannsachaidhean anns an Ear-mheadhanach.[5]

Spòrs

Chaidh na Geamannan Oilimpigeach a stèidhicheadh ann an Olympia agus b' e Koroibos à Elis a' chiad bhuannaiche ann an 776 RC, a-rèir traidisein. Ghabh na Geamannan Oilimpigeach àite gach ceithir bliadhna. Ghabh geamannan eile àite gach dà no ceithir bliadhna cuideachd ann an Corinth (na geamannan Isthmiach), ann an Delphi (na geamannan Pithiach) agus na geamannan Nemeach ann an Nemea.[6]

Iomraidhean

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: