Akerbeltz

'S e seann-dia nam Basgach a tha ann an Akerbeltz (IPA: /ˈakeɾpelʦ/). B' àbhaist dha a bhith 'na dhìonadair an fhearainn, nam beathaichean is nam buidisichean agus fear-gairm nan gailleann.[1] A-rèir nam Basgach, bha e a' fuireach fon talamh mar a' chuid as motha dhe na seann-diadhan Basgach.[1]

Dealbh le Goya de dh'fhèis Akerlarre a tha co-cheangailte ri seann-chreideamh nam Basgach

An t-ainm

Tha dà phàirt san ainm seo, aker "gobhar fireann" agus beltz "dubh", mar sin, 's e "an gobhar dubh" a' chiall a tha air ainm. Ged a tha cuid, mar Koldo Mitxelena[2], a' cur an aghaidh seo, tha a' mhòrchuid dhe na h-eòlaichean a' faicinn ceangal eadar Akerbeltz agus am facal akerlarre "faiche fèis nam buidsichean" le aker agus larre "faiche". Tha seo a' nochdadh ann an iomadh ainm-àite ann an Dùthaich nam Basgach agus tha fianais làidir ann a dh'innseas dhuinn gun robh goibhrean cudromach ann an seann-chreideamh nam Basgach.[2]

AHERBELSTE

Gobhar nam Beanntan Pirineach, sìolradh àrsaidh

Tha ainm a' nochdadh anns na sgrìobhaidhean Aquitanach, sinnsir na Basgaise, a tha glè choltach ris an ainm Akerbeltz. Mar eisimpleir, air Carragh Comminges (san Fhraing):

AHERBELSTE DEO

—do Dhia AHERBELSTE

agus air carragh eile ann an Haute-Garonne, faisg air Saint-Gaudens (san Fhraing cuideachd):

AHERBEL- / STE DEO / SENIUS E(T) / HANNA / PROCUL(I FILIA)

—Do Dhia AHERBELSTE le Senius agus Hanna, nighean Phroculuis

Air sgàth sin, tha cuid dhe na h-eòlaichean, mar Bernardo Estornes Lasa 's Gorrotxategi[2] agus luchd faclair mòr na Basgaise[3], sa bheachd gur co-ionnann AHERBELSTE (ainm san tuiseal tabhartach) is Akerbeltz ach tha feadhainn eile car teagmhach mu dhèidhinn seo, a' gabhail a-steach Mitxelena. 'S e Sacaze aon dhe na ciad daoine a chuir seo 'nar sùilean 'na leabhar Inscriptions Antiques des Pyrénées ann an 1892.[1] Tha Mitxelena a' cur 'na aghaidh a chionn 's nach eil fianais ann gun deach an fhuaim h > k on Aquitanais dhan Bhasgais ar làithean idir.[2][4]

Seann-chleachdaidhean

Bhathar a' coimhead air a' ghobhar mar chomharradh a' bhàis anns na seann-làithean agus air sgàth sin, bha gach tuathanach a' dèanamh cinnteach aig àm gun robh aon ghobhar dubh san t-sabhal aca air a' char as lugha gus an cum seo air falbh galaran.[5]

Tha aithrisean on 16mh is on 17mh linn aig innse dhuinn gun robh barrachd air dusan akelarre ainmeil ann far am biodh iad ag ìobairt aran, uighean is airgead dha.[5] Chan eil e 'na iongnadh gun robh iad a' coinneachadh gu dìomhair ach a bharrachd air an dìomhaireachd, tha coltas gun robh seo 'na ghluasad san dùthaich an aghaidh nan ùghdarrasan a bha a sparradh modhan on taobh a-muigh air na Basgaich agus iad a' comharradh fuigheall nan seann-chreideamhan aca.[5]

Anns na h-ealain

El Aquelarre le Goya

Rinn am peantair Goya grunn dealbhan co-cheangailte ri Akerbeltz is na cruinneachaidhean Akelarre. Cha b' e Basgach a bha ann an Goya ach fhuair e eòlas air cleachdaidhean is cultar nam Basgach tro charaid Leandro Fernández de Moratín agus cuideachd cultar an neo-ghèillidh ann an Dùthaich nam Basgach san 17mh linn.[6]

Cleachdadh an-diugh

Tha cuid a bhuidhnean a' cleachdadh an ainm sin an-diugh air diofar adhbharan, mar eisimpleir tha buidheann-ciùil ainmeil ann an Dùthaich nam Basgach 'ga chleachdadh, tha companaidh beòir ann an Dùthaich nam Basgach a Tuath air a bheil an t-ainm seo agus fear ann an Alba fhèin.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Buidhnean a tha a' cleachdadh an fhacail Akerbeltz 'nan ainmean an-diugh:

🔥 Top keywords: