Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Inbhir Àir anns a’ bhliadhna 1973.
Chaidh a’ chòisir a chur air bhonn sna 1950an le Dòmhnall MacÌosaig à Diùra, aig an robh taigh-òsta an Durward air Prestwick Road. B’ e sàr sheinneadair ainmeil a bh' ann an Dòmhnall fhéin, anns na 1950an agus 1960an. Bha e pòsta aig Màiri Nic a' Mhaoilein, tè de pheathraichean Nic a’ Mhaoilein à Muile. Chaidh a' chòisir ma sgaoil ann am meadhan na 1960an nuair a chaochail Dòmhnall.[1]
Tha Inbhir Àir Aonaichte na sgioba ball-coise ann an Inbhir Àir is tha iad a' cluich aig Pàirc Somerset agus Dara Roinn na h-Alba. Tha am baile agus Siorrachd Inbhir Àir ainmeil airson goilf agus tha am baile ainmeil airson cùrsa-rèis. Is e Ayr Racecourse an cùrsa-rèis as motha ann an Albainn.