Baile an Todhair

Baile an Todhair

Baile an Todhair
Suidheachadh
Baile an Todhair is located in Alba
Baile an Todhair
Baile an Todhair (Alba)
Dùthaich Alba
ComhairleComhairle na Gàidhealtachd
SiorrachdRos an Ear
Co-chomharran57° 45′ 25.24″ Tuath
3° 54′ 43.02″ Iar
Comharradh-clèitheNH863757
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd0.67 km²
Àireamh-shluaigh1,087 (2001)
Dlùths1,622.39/km²
Còd-puistIV20 1
Duilleag oifigeilseaboardvillages.com

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann am Baile an Todhair (Beurla: Balintore)[1][2]. B' e Port an Ab an t-seann ainm aige a bha aig muinntir a' bhaile. [3]

Tha am baile suidhichte faisg air Baile Dhubhthaich ann an Ros an Ear. 'S e sin aon de na trì bailtean air oirthir a tuath air Linne Mhoireibh ris an canar Bailtean na Mara agus na laighe eadar Baile a' Chnuic agus Seannduaig, an dà bhaile eile.

Ann an 2001 bha 1,087 duine a' fuireach ann am Baile an Todhair agus tha Gàidhlig aig 3.68% dhiubh. [4]

Tha port mara aig Baile an Todhair a chaidh a thogail timcheall air 1890. Bha iasgachd na gnìomhachas làidir an seo, ach an-diugh chan fhaighear mòran chosnaidhean anns an roinn seo. Dh'fhàs am baile na bu motha an dèidh 1978, nuair a thàinig ola a-steach le loidhne-phìoba bho Beatrice Field gu Seannduaig.

Tha bùth, oifis a' phuist agus bùth-chungaidhean ann. Chaidh talla a' bhaile ùr le cafaidh fhosgladh cuid bhliadhnaichean sa chaidh.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: