Bogag

'S e bogag an t-ainm air partan a thilg am plaosg agus a tha bog fhathast.[1]

Bogagan ann an New Orleans, Louisiana

'S e am "partan gorm" (Callinectes sapidus) am partan as cudromaiche a dh'ithear mar seo anns na Stàitean Aonaichte agus gheibhear e eadar an Giblean is an t-Sultain.[2] Thathar a' cleachdadh iomad seòrsa partan san t-Seapan gus sushi a dhèanamh mar maki-zushi no temaki-zushi.[3] Anns an Eadailt, thathar ag ithe bogagan Partan Coitcheann na Mara-Meadhanach, gu h-àraid ann am bàgh Venice far an canar moeca ris gu h-ionadail.[4]

Iomraidhean

🔥 Top keywords: