Dearcmhara shawcrossi

Dearcmhara shawcrossi
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Reptilia
Òrdugh Ichthyosauria †
Fo-òrdugh Neoichthyosauria †
Gèineas Dearcmhara †
Spèiseas D. shawcrossi

'S e seòrsa Ichthyosaur a tha ann an Dearcmhara shawcrossi. Chaidh cnàmhan a thaisgealadh ann an 1959 ann am Bàigh Bearreraig faisg air Stafainn anns an Eilean Sgitheanach. [1] Tha na h-eòlaichean dhen bheachd gur e seòrsa ùr a th' anns an Dearcmhara shawcrossi.[1]Bha an snàgair bho linn na h-ailbhinn gu bith 14 troighean a dh'fhad bhon t-sròin chun an earbaill, agus bha e beò o chionn mu 170 millean bliadhna. (Meadhan-Diùrasach). 'S e sin a' chiad ichthyosaur ann an Alba a nochdas ann an foillseachan saidheansail. [2]

Chaidh na cnàmhan a lorg le Brian Shawcross a bhuineas don àite fhèin. Gus urram a thoirt air Shawcross chaidh an fhosail ùr ainmeachadh gu h-oifigeil a rèir an duine seo. Ged a tha ainmean Gàidhlig oifigeil gann air seòrsaichean bheathaichean tha a' chiad ainm "Dearcmhara" aon dhiubh.[1]

Tha an fhosail anns an Hunterian Museum ann an Glaschu a-nis.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

🔥 Top keywords: