Gàidhlig na h-Èireann

cànan Ceilteach
(Air ath-sheòladh o Gaeilge)

Tha Gàidhlig na h-Èireann (Gaeilge), ’na cànan Innd-Eòrpach. San latha an diugh tha eadar 100,000 agus 2,000,000 aig a bheil an cànan gu ìre air choireigin, ach chan eil ach mu 70,000-80,000 ga chleachdadh bho latha gu latha mar chànan-còmhraidh.

Chreideadh le fada gur ann o Èirinn a thànaig na Gàidheil a dh’Alba agus Manainn agus ’s e seo am beachd as cumanta, ach tha argamaid ann eadar àrc-eòlaichean agus luchd-eachdraidh agus tha cuid den bheachd gun robh Gàidheil air taobh an Iar Alba fada ron 5mh Linn.

Eisimpleirean

Fràsan

GàidhligGàidhlig na h-ÈireannGàidhlig UltachGàidhlig MhuimhneachGàidhlig ChonnachtachGàidhlig Mhanainn
Ciamar a tha thu?Conas atá tú?Caidé mar a tá tú? Cad é mar atá tú?Conas taoi? Conas tánn tú?Cén chaoi a bhfuil tú?Kys t'ou?
Chan eil airgead agam.Níl airgead agam.Cha nel argid aym.

Faclan

GàidhligGàidhlig na h-Èireann
GàidhealGael
latha
oidhcheoíche
a-steachisteach
sgoilscoil
pàisdepáiste
ùghdarrasúdarás
oifis/oifigoifig
fosgailteoscailte
bliadhnabliain
rèidioraidió
riaghaltasrialtas
pàrlamaidparlaimint
eileanoileán
bruidhinncaint
cnatanslaghdán
rathadbóthar
ministearaire
ann ani

Ceanglaichean a-mach




🔥 Top keywords: