Jan Hus

B' e sagart, ollamh, feallsanaiche, sgrìobhadair, cànanaiche agus pears'-eaglais à Bohemia a dh'fheuch ris an eaglais atharrachadh ron Ath-Leasachadh a bh' ann an Jan Hus (IPA: jan ˈɦus, Husinec, mu 1369 – Konstanz 6 an t-Iuchar 1415). Is esan a stèidhich an sgoil-diadhaireachd Husachd aig àm An Ath-Leasachaidh Sheacaich. Rugadh e ann am bochdainn ach thug e ceum aig Oilthigh Phràg ann an 1396,[1] agus chaidh òrdachadh na shagart ann an 1401.[2] Ann an 1403 chuir e Trialogus le John Wycliffe gu Seacais, nuair a bha e os cionn an oilthighe. Leasaich e aibidil Sheacais. Fhuair an Eaglais Chaitligeach dubh chàineadh às a chùbaid bho Hus. Chaidh Hus a chur gu bàs le ùghdarrasan Iarlachd-crìche Bhaden ann an Konstanz ann an 1415.[3] Thug na sgrìobh agus na rinn e buaidh mhòr air an feadhainn a lean e an ceann linn, mar Martin Luther, Jean Calvin, Huldrych Zwingli agus Iain Knox.[4] Aig aon àm b' e gu robh co-dhiù 90% nan daoine ann am Bohemia a' leantainn na beachdan aige fad dà cheud bliadhna.

Jan Hus
ollamh

Beatha
BreithHusinec, 1371
DùthaichRìoghachd Bohemia
Ìmpireachd Naomh na Ròimhe
Àite-fuirichBirth house of Jan Hus (en) Translate
BàsKonstanz, 6 dhen Iuchar 1415
Àite-adhlacaidhRhine (en) Translate
Nàdar a’ bhàispeanas bàis (death by burning (en) Translate)
Foghlam
FoghlamOilthigh Theàrlaich ann am Pràg 1393) Baidealair nan Ealan
CànainLaideann
Seacais
Luchd-teagaisgStanislaus von Znaim (en) Translate
Dreuchd
Dreuchdeadar-theangair, diadhair, oide-eòlaiche, neach-teagaisg oilthigh, sgrìobhadair, feallsanaiche, aoghaire, cànanaiche, neach-teagaisg, searmonaiche, preasbadair agus bohemicist (en) Translate
FastaicheanOilthigh Theàrlaich ann am Pràg
Far-ainmeanPaulus Constantius
Tèarmann
6 an t-Iuchar
Creideamh
CreideamhPròstanachas
Latin Church (en) Translate

Iomraidhean

🔥 Top keywords: