Michael Bauer

'S e cànanaiche agus faclairiche às A' Ghearmailt a tha ann am Michael Bauer neo Mìcheal Bauer (München, 4 an t-Samhain 1974).[1][2] Tha e an sàs rannsachadh is teagasg na Gàidhlig taobh a-muigh an oilthigh, cruthachadh goireasan Gàidhlig digiteach (mar bhathar-bog Gàidhlig is foillseachadh).[1][3][4] Rinn e ceum ann an cànanachas agus Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann eadar 1998 is 2002 agus ged a bha e na shaoranach Gearmailtich o thùs, fhuair e saoranachd Bhreatunnach ann an 2010.[1] Tha e cuideachd na bhall dhen Document Foundation, am fonndas a tha a' dealbhadh LibreOffice.[5]

Michael Bauer
Beatha
BreithMünchen, 4 dhen t-Samhain 1974
Dùthaich Rìoghachd Aonaichte
Àite-fuirichGlaschu
Foghlam
FoghlamGisela Gymnasium (en) Translate
(1985 - 1995)
Oilthigh Ludwig Maximilian ann am Munich
(1995 - 1998)
Oilthigh Dhùn Èideann
(1998 - 2002) cànanachas, eòlas Ceilteach
Colaiste Stow
(2002 - 2003)
CànainGearmailtis
Beurla
Gàidhlig
Basgais
Cantonais
Luchd-teagaisgRoibeard Ó Maolalaigh
Dreuchd
Dreuchdcànanaiche, faclairiche, meanbh-fhoillseachadh agus eadar-theangair
Duaisean a fhuaras
BallrachdThe Document Foundation (en) Translate
Creideamh
Creideamhagnostachd
akerbeltz.org

Faclaireachd

'S e Mìcheal Bauer agus fear Will Robertson a dh'fhoillsich an dà chuid Dwelly-d (tionndadh air loidhne dhen fhaclair aig Dwelly as urrainnear rannsachadh eadar an dà chànan) agus am Faclair Beag (faclair Gàidhlig le briathrachas is abairtean nas ùire ach le Dwelly ann cuideachd) ann an 2009.[6] Fhuair an dithis moladh an dà chuid o Phàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid Westminister airson an obair shaor-thoileach seo.[7][8]

Duais

Fhuair e an duais eadar-nàiseanta ann an Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2014.

Ceanglaichean a-mach

Tùsan


Luchd-cànanachais na Gàidhlig
Tim ArmstrongMichael BauerCarl BorgstrømAnndra Mac a' CheàrnaighRichard CoxHenry DieckhoffNancy Dorian
Seumas GranndNils HolmerWill LambCoinneach MacFhionghuinAlasdair MacGilleBhàinGòrdon MacGilleFhinnein
Magne OftedalRoibeard Ó MaolalaighMáirtín Ó MurchúTomás Ó RathaileElmar TernesRoy Wentworth


🔥 Top keywords: