Pedro Nel Ospina Vásquez

B' e saighdear, neach-poileataigs agus innleadair à Coloimbia a bha ann am Pedro Nel Tomás de Villanueva Ospina Vázquez. Rugadh e ann am Bogotá 18 an t-Sultain 1858 agus chaochail e ann am Medellín 1 an t-Iuchar 1927. Bha na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1922 agus 1926, airson a’ Phàrtaidh Thoraidh.[1][2]

Pedro Nel Ospina Vásquez
7. Antioquia

18 dhen t-Sultain 1918 - 12 dhen Ghiblean 1920
11. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1922 - 7 dhen Lùnastal 1926
Jorge Holguín Jaramillo - Miguel Abadía Méndez
Beatha
BreithBogotá, 18 dhen t-Sultain 1858
Dùthaich Coloimbia
BàsMedellín, 1 dhen Iuchar 1927
Àite-adhlacaidhSan Pedro Cemetery Museum (en) Translate
Teaghlach
AthairMariano Ospina Rodríguez
MàthairEnriqueta Vásquez Jaramillo
CèileCarolina Vásquez Uribe (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
FoghlamOilthigh Antioquia
Oilthigh California, Berkeley
CànainSpàinntis
Dreuchd
Dreuchdneach-poileataigs, einnseanair agus einnseanair mèinnearachd
Obraichean comharraichteeMule (en) Translate
Ìreoifigeach coitcheann
Creideamh
CreideamhCaitligeachd
Pàrtaidh poileataigeachPàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

Teaghlach

‘S e mac an treas pòsaidh aig an t-seann cheann-suidhe Mariano Ospina Rodríguez a bh’ ann, is esan os cionn A’ Cho-chaidreachas Ghranada eadar 1857 agus 1861, agus Enriqueta Vázquez Jaramillo, piuthar Tulio agus Mariano Ospina Pérez; rugadh e anns an Lùchairt San Carlos (Lùchairt an Riaghaltais), fhad ’s a bha athair os cionn an Riaghaltais. Am dèidh gun do chuir Tomás Cipriano de Mosquera ruaig air Ospina anns a’ Chogadh Sìobhalta dhe 1861, is binn bàis cuideachd (B’ urrainn dhàsan a theiche le taic a mhnà nuair a bha e na phrìosanach ann an Cartagena de Indias), b’ fheudar dha theaghlach a dhol thall thairis air ann an caochladh dùthchannan dhe Aimearaga Mheadhanach, far an do chuireadh fàilte chridheil airsan mar "Churaidh a’ Chreidimh Chrìosdail".

Fhuair Pedro Nel a chuid fhoghlaim ri taobh a bhràithrean bhon a’ Chomainn Ìosaid thall thairis. Bha e na chompanach sgoile ann an Guatamala dhe Muñoz. Dh’fhàs esan a bhith na àrd-sagart os cionn na miseanan ann an Coloimbia nuair a bha a Ospina na cheann-suidhe. Ged an do thilleadh an teaghlach gu Coloimbia bho àm gu àm, cha do dh’fhuirich iad san dùthaich aca fhèin nuair a bha Pedro Nel òg. Dh’ionnsaich e Innleadaireachd Shìobhalta anns na Stàitean Aonaichte is an uair sin rinn e tuilleadh chùrsaichean ann an Innleadaireachd mheatailt, Cheimigeach agus na mèinnean.[3]

Tilleadh gu Coloimbia

Thill e dhan dùthaich ann an 1880 airson Sgoil Mèinnean na h-Antioquia a ghabhail os làimhe, còmhla ris a chuid bhràithrean ('s iad innleadairean cuideachd). Bha e an sàs anns an obair sgoilearach agus a chuid ghnothaichean prìobhaideach rè faisg air dà dheichead. Chaidh e a-steach gu feachdan Pàrtaidh nan Thòraidh airson a’ chogaidh shìobhalta dhe 1885, turas eile ann an 1895 agus mu dheireadh thall Cogadh na Mìle Làithean. Dh’fhàs e gun dhàil a bhith na sheanalair na Poblachd agus an uair sin na Rùnaire Oifis an t-Seanalair Marceliano Vélez.

Dreuchdan

'S e ball a’ Chomhdhail a bh' ann iomadh turas san 20mh Linn, a bharrachd air Riaghladair na h-Antioquia eadar 1918 agus 1920. Sheas e mar thagraiche a’ chinneas ann an 1922, air sgàth gun do chòrd obair an Riaghladair ris.

Ceann-suidhe na Dùthcha

Chuir e ruaig air ceannard nan Libearalach, Benjamín Herrera anns na taghaidhean. Fhuair Ospina 409,131 bhòtaichean is Herrera 246,647. A dh’aindeoin sin, thug e cuireadh dhuibh airson pàirt a ghabhail anns an Riaghaltas aige. Fhuair Coloimbia $25 millean dhe airgead dhìolaidh bho na Stàitean Aonaichte airson Panama a chall, nuair a bha e os cionn an Riaghaltais. Chaidh an t-suim sin a chleachdadh airson leasachadh làidir a dhèanamh do bhun-structar na dùthcha.

Toraidhean

'Se airgead a chur an seilbh gu bun-structar na dùthcha a bh' ann a’ phrìomh amas aige. A bharrachd air sin, rinn e rudan cudromach eile, mar a leanas:

  • 'S e a’ chiad cheann-suidhe, aig ìre na cruinne, a chleachd am plèana airson tursan oifigeil a dhèanamh, leis gu do rinn e turas-adhair eadar Puerto Berrío agus Girardot dìreach an dèidh na taghaidhean.
  • Chuir e air bhog cuid dhe Lagh an Ionnsachaidh Phoblachd, a chaidh a dhealbhachadh le eòlaichean às A’ Ghearmailt. Le sin, b' urrainn dhan Riaghaltas aig Ospina an t-Ionnsachadh Poblach a leasachadh gu math.
  • Chaidh Banca na Iasadan Cho-àiteachail a chruthachadh (Spàinntis: Banco Agrícola Hipotecario).

Urras mar chuimhne airsan

Stèidhich na duine chloinne aige, gu seach àraidh Luis Ospina Vásquez, an t-Urras Antioquianach airson Sgrùdaidh Shòisealta (Spàinntis: Fundación Antioqueña para los Estudios Sociales), le oifisean ann am Medellín: 'S e taic a thoirt dha na teaghlaichean bochda foghlam fhaighinn airson an cuid cloinne a th'ann prìomh amas an Urrais. Chuir iad Sgoil Saighdearach an t-Seanalair Pedro Nel Ospina (Spàinntis: Colegio Militar General Pedro Nel Ospina) air dòigh, ann an Chía cuideachd.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: