Segovia

Segovia
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Segovia
Sgìre Castilla y León
Co-chomharran40° 56' 43' Tuath
04° 07' 35' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd163.59 km²
Àireamh-shluaigh56,047 (2009)
Dlùths342.61/km²
Àireamh fòn+ 34 921
Duilleag oifigeilDuilleag Oifigeil

’S e baile mòr faisg air Ávila ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Segovia (IPA: seˈɣoβja). Tha e suidhichte aig 1,005m os cionn ìre na mara,[1] 93km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 663km bho Bharcelona.[2] Tha 56,047 daoine a’ fuireach ann an Segovia.[3] Tha e ainmeil air fad an t-saoghail airson an amar-uisge nan Ròmanach a tha a seo. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Segovia a th’ ann cuideachd.

Freumhan an ainm

Tha a h-uile coltas ann gur ann à Segobriga a tha ainm a' bhaile. 'S e ainm gu math Ceilteach a th' ann, bho Sego (Gàidhlig: buaidh) agus briga (Gàidhlig: dùn). Bheireadh sin Segburgh dhuinn ann an Alba, leis gu bheil na faclan a' nochdadh anns na cànain Gearmailteach (sieg agus burg). Chaidh an t-ainm arabachadh gu شقوبية (Šiqūbiyyah) ach 's e an t-seann ainm ann an Laideann a tha ga chleachdadh a-nis.[4] A dh'aindeoin sin, tha cuid a' ràdh nach eil sin idir ceart agus gu robh an Segobriga mun do sgrìobh Livius agus Ptolomaidh faisg air Saelices, ann an Cuenca.

Eachdraidh

B' e na Ceiltich o shean a stèidhich am baile. Bhuannaich Quintus Caecilius Metellus Pius cath an seo ann an 75 Ro Chrìosd. Mar a b’ àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[5] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach-tòiseachaidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[6]

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Segovia.[7] Cha tuit ach 476mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 697mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite àrd tioram a th' ann.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

🔥 Top keywords: