Tuigse inntealta

'S e tuigse ann an innealan an àite ann am beathaichean a tha ann an tuigse inntealta.

ELIZA, bot-cabadaich às na 1960an

Mar eisimpleir, tha algairimean as urrainn dhaibh tàileasg is Go a chluicheadh, beathaichean ann an dealbhan aithnicheadh is teacsaichean eadar-theangachadh.

Eachdraidh

Sgrìobh Alan Turing "Computing Machinery and Intelligence" ann an 1950, anns an do mhol e an Deuchainn Turing. Bha geama Bhictòrianach ann far nach do rinn na cluicheadairean conaltradh ach tro nòtaichean sgrìobhte. Dh'fheum na cluicheadairean tuairmse a dèanamh am b' e boireannach no fireannach a bha anns na cluicheadairean eile. Nam b' urrainn do choimpiutair an geama seo a chluicheadh, carson nam biodh e tuigseach?[1]

Ann an 1963 stèidhich Dòmhnall Michie buidheann rannsachaidh ann an tuigse inntealta aig Oilthigh Dhùn Èideann. Thàinig Richard Gregory is Christopher Longuet-Higgins ann an 1966 is chaidh Roinn Tuigse Inntealta is Lèirsinn a stèidhicheadh. Chaidh an roinn a roinn an dèidh do dh'Aithris Lighthill anns na 1970an.[2]

Tha modalan-cànain fasanta aig an àm seo ach tha Timnit Gebru is Emily Bender an dubh-chàineadh air sgàth 's gu bheil iad daor, gu bheil am pròiseas trèanaidh a' milleadh an àrainneachd is gu bheil na modalan ag ath-riochdachadh claonaidhean ann an dàta an trèanaidh.[3]

Ann an saoghal na Gàidhlig

Chruthaich Google siostam eadar-theangachaidh air loidhne ann an 2016[4] agus mar sin tha mòran droch eadar-theangachaidhean le inneal bho Bheurla gu Gàidhlig ri cheannachadh air Amazon.[5]

Iomraidhean

🔥 Top keywords: