Albacete

Albacete
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Albacete
Sgìre Castilla-La Mancha
Co-chomharran38° 59' 44' Tuath
51° 24' 41' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd1,125.91 km²
Àireamh-shluaigh172,121 (2009)
Dlùths152.87/km²
Àireamh fòn+ 34 974
Duilleag oifigeilDuilleag Oifigeil

’S e baile meadhanach faisg air Cuenca ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Albacete (IPA: alβaˈθete). Tha e suidhichte aig 690m os cionn ìre na mara,[1] 223km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 434km bho Bharcelona.[2] Tha 172,121 duine a’ fuireach ann an Albacete.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Albacete a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à الباسيتي (Al-Basit) [4] ann an Arabais a tha an t-ainm, a tha a' ciallachadh làn no rèidh. Tha cruth na tìre a' gabhail ri seo. Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean: tha an connrag s air atharrachadh gu θ, rud a tha a' tachairt daonnan sa chànan sin.

Eachdraidh

B' e na h-Ibearaich a bh' ann mus tug na Ròmaich seilbh air an Spàinn air fad. Chan eil fios aig duine sam bi nan robh ainm aige mus do ràinig na h-Arabaich. Chaidh Ahmad al-Mustansir Sayf al-Dawla a mharbhadh an seo le ridirean à Castilla nn an 1146. Thuit am baile dha na ann an 1241, an dèidh còrr is ceithir ceud bliadhna.[5]Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[6] Cha do thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach ach aig deireadh Cogadh Sìobhalta na Spàinne air 29 am Màrt 1939, trì latha mus do bhuannaich Francisco Franco.[7] B' e gearasadain Feachdan eadar-nàiseanta na Poblachd a th' ann Albacete fad an t-subhail, mus do thill iad dhachaigh ann an 1938.[8]

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Albacete.[9] Cha tuit ach 353mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 820mm nas lugha na Steòrnabhagh(1173)[10] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann:

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

🔥 Top keywords: