Albannach
'S e neach a bhuineas do dh'Alba a tha ann an Albannach, fear no tè a tha beò ann an neo aig a bheil ceangal ri Alba.
Ainm
Chan eil cinnt cò às a thàining am facal Laideann Scoti no Scotti a tha e fhèin freumh an fhacail Scots agus Scottish. Tha cuid mar Charles Oman a' cumail a-mach gun dàining e o scuit ("air a ghearradh") mar ainm air spùinneadairean.[1], feadhainn eile mar Aonghas MacCoinnich gur e sgaothaich an t-ainm a bh' aig na Gaidheal a dh'fhàg Èirinn 's a dh'fhuirich air an taobh siar na h-Alba agus a stèidhich Rìoghachd Dail Riata [2] 's a-rèir coltais thathar a' cumail a-mach gur e am facal Greugais skotos (σκότος) a tha seo 's a tha a' ciallachadh "dorchadas".[3] Ge-tà, chan eil a' chuid as motha dhen luchd-eòlais a' dol leis na teoirigean annasach seo.