An Òlaind

Gu math tric canar an Òlaind[1][2][3][4][5] neo An Olaind[6][7] seach na Tìrean Ìsle ris.Gu h-àraidh anns a’ Bheurla agus ann am Fraingis, eadhan ann an Duitsis fhèin, cleachdar an t-ainm "An Òlaind" airson na dùthcha gu lèir. Ach chan iad ach pàirt de na Tìrean Ìsle.

Òlaind a Tuath 's Òlaind a Deas am broinn nan Tìrean Ìsle

'S e ceàrn a tha anns an Òlaind, suidhichte ann an taobh siar na dùthcha. Tha dà sgìre ann: Noord-Holland (Òlaind a Tuath) agus Zuid-Holland (Òlaind a Deas) le 6.1 millean luchd-còmhnaidh gu lèir.

B’ e dùthaich a bh' ann leis fhèin aig àm Impireachd nan Ròmanach. Chaidh ceàrn na h-Òlaind a stèidheachadh ann an 1840.

Tha bailtean mòra mar Amsterdam, Den Haag agus Rotterdam suidhichte anns an sgìre seo.

Iomraidhean

🔥 Top keywords: