Bihor (Siorrachd)

Județul Bihor
Bihar Megye
Gearradh-arm
no Seula
Dealbh
Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Prìomh-bhaile Oradea
Roinn EachdraidheilCrişana
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd7,544 km²
Àireamh-shluaigh575,398 (2011)
Dlùths76.27/km²
LTDUS$ 5.82 billean (2008)
Àireamh fòn+40 59
Clàr Àireamh-carbaidBH
Duilleag oifigeilRiaghaltas Roinneil

'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] air an àirde an iar-thuath Romàinia a th' ann Bihor (IPA: biˈhor, Gearmailtis/Ungairis: Bihar). Tha e suidhichte eadar Arad, Alba, Cluj, Sălaj agus Satu Mare. 'S e Oradea a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] Thathar dhen bheachd gur ann à vihor (iadh-lus) ann an Sèirbis neo à Biharea (theirig) ann an Dacais a tha an t-ainm Bihor.[3] 'S e Bihor an t-siamh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 11mh a thaobh àireimh-shluaigh.[4]

Eachdraidh

Nuair a ràinig sinnsearan nan Ungaireach dhan Roinn Eòrpa bha treubh ann air an robh na Kabar, a ghabh pàirt ann an cogaidhean nan Ungaireach.[5] 'S ann ann am Bihor a thuinich a' mhòr-chuid dhuibh. B' e Bihor a' chiad àite ann an Transsilvania far an deach Romàinianaich a chlàradh, ann an 1283.[6] Chaidh an roinn a stèidheachadh eadar 1020 agus 1050 ri linn Szent István király, a' chiad Rìgh na h-Ungaire.[7] Bhuineadh Bihor, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir. Chaill An Ungair Bihor ann an 1920.[8]

Cinnidheachd

  • Romàinianaich – 67.38%[9]
  • Ungairianaich – 25.96%
  • Romani – 5.10%
  • Slobhaicianaich – 1.22%
  • Gearmailtich – 0.19%
  • Eile - 0.16%

Creideamhan

  • Ortodogsaich Romàinianach – 59.7%[10]
  • Pròsdanachas – 18.1%;
  • Caitligich – 11.5% (Dòigh na Ròimhe – 9.2%; Dòigh Ghreugach – 2.3%)
  • Caingisich – 5.7%;
  • Baistich – 3.7%;
  • Aidmheinich – 0.3%;

Bailtean as Motha

Tha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis aig mòran dhuibh o chionn 's gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceauşescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.[11]

BaileMuinntir
Oradea (Gearmailtis: Großwardein, Ungairis: Nagyvárad, Slòbhacais: Veľký Varadín)196,367
Salonta (Gearmailtis: Großsalontha, Ungairis: Nagyszalonta)17,735
Marghita (Gearmailtis: Margarethen, Ungairis: Margitta)15,770
Săcueni (Gearmailtis: Zickelhid, Ungairis: Székelyhíd)11,526
Beiuș (Ungairis: Belényes)10,667
Aleșd (Ungairis: Élesd)10,066
Valea lui Mihai (Ungairis: Érmihályfalva)9,902
Sânmartin (Ungairis: Váradszentmárton)9,572
Tinca (Ungairis: Tenke)7,793
Popești (Ungairis: Papfalva)7,362
(Bho: 20mh an Dàmhair 2011)[12]

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: