Nicolae Ceauşescu

B' e ceann-suidhe Stalineach Romàinia, iar-theachdaire Gheorghe Gheorghiu-Dej agus cathraiche Pàrtaidh Comunnach Romàinia (Romàinis: Partidul Comunist Român, Scornicești 26 am Faoilleach 1918 - Târgoviște 25 an Dùbhlachd 1989) bho 1965 gu ruige 1989 a bh' ann an Nicolae Ceauşescu (IPA: nikoˈla.e t͡ʃe̯a.uˈʃesku).[1] Bhuinneadh e dhan Phàrtaidh Chomunnach Romàinia. Chreideadh Ceauşescu gum bu chòir do ghach uile ar-a-mach agus atharrachadh poiliteagach a bhith fo stiùir mion-chuid Stalinich proifeiseanta, an treabh dham buinneadh esan fhèin.[2] Rugadh Nicolae Ceauşescu ann am baile beag san sgìre Olt, ann an ceann a deas Romàinia. B' e croitear bochd a bh' ann athair, Andruță, aig an robh dìreach 3 heactairean dhe fearainn ach cha bu ghann a droch nàdar. Fhuair Alexandrina, a mhàthair, deichnear duine-cloinne. Bha an teaghlach uabhasach bochd agus cha robh ach dà sheòmar san taigh aca agus b' e Mămăliga, seòrsa dhe brochan, a dh' itheadh iad a h-uile latha. Dh'fhàg Nicolae beag an sgoil agus am baile nuair a bha e dìreach 11 bliadhna a dh'aois agus chaidh e a dh'obair ann am Bucharest[1] far an robh e na phreantas ghreusaiche agus esan a' fuireach aig taigh a phiuthair, Niculina Rusescu. B' e ball a' phàrtaidh comannach a bh' anns a' ghreusaiche. Fo Nicolae Ceauşescu, b' e an Securitate an t-seirbheis phoileis dhìomhair na bu bhrùideile san t-saoghal air fad, agus iad a' gabhail ri ainneart, craonadh agus murt gu leòr.

Nicolae Ceauşescu
ball Seòmar Thànaistean Romàinia


3. President of the State Council (en) Translate

9 dhen Dùbhlachd 1967 - 22 dhen Dùbhlachd 1989
Chivu Stoica (en) Translate - no value →
1. Ceann-suidhe Romàinia

29 dhen Ghiblean 1974 - 22 dhen Dùbhlachd 1989
← no value - Ion Iliescu
Beatha
BreithScornicești, 26 dhen Fhaoilleach 1918
DùthaichKingdom of Romania  1947)
Socialist Republic of Romania
Ciad chànanRomàinis
BàsTârgoviște, 25 dhen Dùbhlachd 1989
Àite-adhlacaidhGhencea Cemetery (en) Translate
Nàdar a’ bhàispeanas bàis (leòn peileir)
Teaghlach
CèileElena Ceaușescu (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
FoghlamUniversity of Nice Sophia Antipolis (en) Translate
M.V. Frunze Military Academy (en) Translate
Bucharest University of Economic Studies (en) Translate
CànainRomàinis
Dreuchd
Dreuchdneach-poileataigs, luchd an airm, Greusaiche agus Ceann-suidhe Romàinia
Duaisean a fhuaras
BuaidhKim Il-sung (en) Translate, Mao Zedong agus Eòsaph Stalin
Seirbheis san arm
Meur an airmFeachdan na Tìre aig Romàinia
Ìremajor general (en) Translate
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeachPàrtaidh Comannach Romàinia
IMDbnm0147476
ceausescu.org

Ceanglaichean A-muigh

Iomraidhean

🔥 Top keywords: