Framsóknarflokkurinn

Framsóknarflokkurinn
Fiosrachadh
Stèidheachadh19 an Dùbhlachd 1916
Luchd-stèidheachaidh Ólafur Briem
Àite-Stèidheachaidh Reykjavík
Beachd-smuainealas Eachdraidheiltalmhanachd
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Libearalas
OifiseanHverfisgata 33, 101 Reykjavík
CathraicheSigurður Ingi Jóhannsson
Suidheachain8/63
RiaghaltasLuchd-dùbhlain

'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs Libearalach 's a th' ann am Framsóknarflokkurinn(Gàidhlig: Pàrtaidh Adhartach). Chaidh a stèidheachadh air 16 an Dùbhlachd 1916[1] nuair a thàining Pàrtaidh nan Tuathanach agus Tuathanaich Neo-eisimeileach còmhla, le sin 's e am pàrtaidh poilitigeach as sìne a tha fhathast an sàs ann am beatha poblach Innis Tìle a th' ann. Ron Dàrna Cogadh, b' e gu robh Innis Tìle gu math dùthchail is a' mhòr-chuid nan daoine a' fuireach agus ag obair air an talamh. Ann am meadhan na linne dh' atharraich seo gu mòr, agus dh’ fheuch am pàrtaidh ri polasaidhean ùra a chur an gnìomh, ged a thathar fhathast a' cur fòcas air an dùthaich, a cuid choimhearsnachdan agus àiteachas. Tha ochdnar riochdairean aige san Alþingi (pàrlamaid), sianar boireannaich agus triùr fireannaich.[2] 'S e an treas fòrsa poileataigeach na dùthcha 's a th' ann am Framsóknarflokkurinn. Tha am pàrtaidh san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Vinstrihreyfingin - grænt framboð agus Sjálfstæðisflokkurinn a-nis.

Taghaidhean dhan Alþingi

B' ann ann an 1923 a bha Framsóknarflokkurinn na bu shoirbheachaile, ach fhuair iad deagh thorraidhean ann an 2013.[3]

BliadhnaBhòtaichean%Seataichean
199930,41518.412
200332,48417.712
200721,35011.77
200927,69914.89
201346,17324.419
201621,79111.58
201721,01610.78

Prìomh-mhinistearan

Tha naoinear Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) air a bhith aige gu ruige seo:

Ceanglaichean a-muigh

Iomraidhean

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: