Innis Tìle

eilean agus dùthaich anns an Roinn-Eòrpa

'S e eilean agus dùthaich a tha ann an Innis Tìle [1][2][3][4][5] neo Innis Tile[6][7] aig bàrr a' Chuan Siar, agus taobh-a-tuath na Roinn-Eòrpa. 'S e Reykjavik na prìomh-bhaile. A thaobh chultair, cànan agus eachdraidh, 's ann gu Lochlann 's a tha Innis Tìle a' buinntinn. Canar Alþingi ris a' phàrlamaid nàiseanta aig Innis Tìle. 'S e Eaglais Innse Tìle an eaglais as treasa na dùthcha.

Lýðveldið Ísland

Bratach

Gearradh-arm
Laoidh Nàiseanta
Lofsöngur
Cànan(an) oifigeilInnis-Tìlis
Prìomh-bhaileReykjavík
Baile as mothaReykjavík
RiaghaltasPoblachd phàrlamaideach
Ceann-suidheGuðni Th. Jóhannesson
Prìomh-mhinistearKatrín Jakobsdóttir
Ceann-suidhe AlþingiSturla Böðvarsson
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Danmhairg
1 an Gearran 1904
Poblachd17 an t-Ògmhios 1944
Farsaingeachd
Iomlan103,000 km² (107mh)
Uisge2.7 %
Àireamh-shluaigh (2008)
Iomlan316,252 (172mh)
Dlùths3,1/km² (233mh)
LTD/CCC (2006)
gach pearsa$40,277 (2005) (5mh)
Roinn tìdeGMT (UTC+0)
Ruith-airgidIcelandic króna
Prìomh àrainn-lìn.is
Còd Àireamh fòn354

Eachdraidh

'S ann à Thūlē (Laideann) agus Θούλη Greugais, an t-ainm a chleachdadh o shin airson an tìr a bha gu tuath air an Roinn-Eòrpa a tha an t-ainm Gàidhleach.[8] 'S e an Landnámabók a th'anns an tobar as sìne a th'ann a bheir fiosachadh dhuinn mun dòigh anns an tug na Lochlannaich seilbh air an dùthaich. Anns a' chiad chaibideil dhen Landnámabók tha e sgrìobhte gun duirt Bede, am manach agus seanachaidh, gu robh Innis Tìle sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn:[9]

Í aldarfarsbók þeirri, er Beda prestur heilagur gerði, er getið eylands þess er Thile heitir og á bókum er sagt, að liggi sex dægra sigling í norður frá Bretlandi

(San t-seann leabhar aca, a bheannaich an sagart Bede, far a nochdas an t-eilean is san leabhar tha e ag ràdh gu bheil Innis Tìle na laighe sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn)

Tha fianais ann gur e manaich Gàidhleach à Alba agus Èirinn a bh' anns a' chiad choimhearnachd air an eilean a tha seo. A bharrachd air an Landnámabók, 's e na sàgaichean (Innis Tìlis: saga/sögur) a tha a' toirt dhuinn iomadh fiosrachadh mu ghabhail na tìre agus an seòrsa sòisealachd a bh' ann o shin.

B' ann ann an 999 a ghabh an dùthaich ri Crìosdaidheachd, pròiseas air a bheil Kristnitakan, air neo Togail Chrìosd sa Ghàidhlig.

Tir-eòlas

Innis Tìle san Iuchar, dealbh bhon NASA

Tha àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha ris an canar Hálendi neo Beanntan Innis Tìle. Fhuair an Eileamaid cheimigeach Tuilium ainm às an dùthaich seo.

Roinnean

'S ann ann an ochd roinnean a tha Innis Tìle air a sgarradh airson adhbharan staitistigeil, ged a thathar a' riaghladh na dùthcha aig ìre ionadan cathrach (Innis Tìlis: Sveitarfélag). Cithear, mar a leanas, liosta nan roinnean agus an uiread dhaoine a tha a' fuireach ann, a bharrachd air farsaingeachd na tìre:

Sgìrean Innis Tìle
RoinnÀireamh-sluaigh% NàiseantaFarsaingeachd
Austurland15,3004,41 %22,721 km²
Höfuðborgarsvæðið222,59063,32 %1,042 km²
Norðurland eystra29,0819.08%22,695 km²
Norðurland vestra7,8102.31%12,737 km²
Suðurland23,2117,46 %24,256 km²
Suðurnes27,1136,60 %829 km²
Vestfirðir7,3092.32%9,409 km²
Vesturland15,0254,84%9,522 km²

Bailtean Mòra

Seo liosta nan deich bailtean as motha san dùthaich.[10]

Litreachas

'S ann làidir 's a tha traidisean sgrìobhaidh ann an Innis Tìle. Bhuannaich Halldór Laxness an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1955 agus bidh rudeigin mar aon duine thar 10 a sgrìobhas leabhar.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: