Freiburg im Breisgau

Freiburg im Breisgau
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
CeàrnBaile neo-eisimeileachd
Sgìre Baden-Württemberg
Co-chomharran48° 00 00' Tuath
07° 51′ 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd153.07 km²
Àireamh-shluaigh224,191 (2010)
Dlùths1,464.63/km²
Àireamh fòn+49 (0)761
Duilleag oifigeilhttp://www.freiburg.de

‘S e baile mòr air an àirde an iar-dheas na Gearmailte a th’ ann am Freiburg im Breisgau. Tha an t-ainm a’ ciallachadh Daingneach Saor, bho dhà fhacal anns a’ Ghearmailtis Frei (Saor) agus Burg (Daingneach). Chaidh am baile a stèidheachadh ann a 1120 le Konrad Zähringen. Tha e suidhichte aig 347m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Dreisam, faisg air na crìochan leis An Fhraing, anns an stàit Baden-Württemberg. Tha am baile 638km air falbh bho Bherlin (Prìomh-bhaile na dùthcha), 277km bho Mhünchen, 130km bho Stuttgart agus 116km bho Phforzheim.[2] Tha 224,191 duine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e 4mh baile na stàite, an 34mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1457. Chaochail Martin Heidegger an seo ann an 1976. Thogadh Peter Schneider an seo.

Daoine ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

🔥 Top keywords: