Lviv

Lviv
Львів
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Lvivska Oblast
SgìreLvivskiy Raion
Co-chomharran49° 50 33' Tuath
24° 01 56' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd148.9 km²
Àireamh-shluaigh717,486 (2021)
Dlùths4,818.58/km²
Àireamh fòn+ 380 32(2)
Duilleag oifigeilDuilleag Oifigeil

'S e baile mòr faisg air Ivano-Frankivsk agus Ternopil anns An Ucràin a th' ann an Lviv (Ucràinis: Львів, Pòlais: Lwów, IPA: ˈlʲʋiu̯). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha faisg air na crìochan leis A' Phòlainn, ri taobh na h-Aibhne Poltva, san roinn Lvivska Oblast. Tha 717,486 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1256. Bha Lviv na phrìomh-bhaile Sluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar ann an 1918, an dèidh tuiteam na h-Ostair-Ungaire.[2] Às dèidh Ionnsaigh Gearmailteach-Sobhietach air a' Phòlainn ann an 1939, thàinig Lviv gu bhith na phàirt den Aonadh Sobhietach, agus ann an 19441946 bha iomlaid sluaigh eadar a' Phòlainn agus an Ucràin Sobhietach. Ann an 1991, thàinig e gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.

Eòlas-sluaigh

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Lviv a' bruidhinn (88.48%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (9.95%).[3]

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

🔥 Top keywords: