Georg Friedrich Händel

B' e ceòl-sgrìobhaiche ainmeil Gearmailteach a bha ann an Georg Friedrich Händel (Beurla: George Frideric Handel). Rugadh e air an 13 an Gearran 1685 ann an Halle (Saale).

Georg Friedrich Händel
organaiche


chapelmaster (en) Translate

16 dhen Ògmhios 1710 -
Beatha
Ainm slànGeorg Friedrich Händel
BreithHalle (Saale), 23 dhen Ghearran 1685 (Julian)
DùthaichBrandenburg-Prussia
Ìmpireachd Naomh na Ròimhe
Rìoghachd na Breatainne Mòire  (1726 -
Àite-fuirichLunnainn
Halle
An Ròimh
Firenze
Napoli
Poblachd Venezia
Ciad chànanGearmailtis
BàsWestminster (en) Translate agus Lunnainn, 14 dhen Ghiblean 1759
Àite-adhlacaidhPoets' Corner (en) Translate
Abaid Westminster
Teaghlach
AthairGeorg Händel
MàthairDorothea Händel
Cèileno value
Foghlam
FoghlamOilthigh Halle-Wittenberg
(1702 - 1703)
CànainGearmailtis
Beurla
Eadailtis
Luchd-teagaisgFriedrich Wilhelm Zachow (en) Translate
OileanaichSoo Eun Lee (en) Translate
Dreuchd
Dreuchdceòl-sgrìobhaiche, harpsichordist (en) Translate, organaiche, cluicheadair fìdheallain, sgrìobhadair oparathan, ceòl-sgrìobhaiche, impresario (en) Translate agus neach-teagaisg oilthigh
Obraichean comharraichteMessiah (en) Translate
Water Music (en) Translate
Music for the Royal Fireworks (en) Translate
Giulio Cesare in Egitto (en) Translate
Alcina (en) Translate
Serse (en) Translate
Concerti grossi, Op. 6 (en) Translate
BuaidhA' Ghearmailt, An Eadailt, An Fhraing, Sasainn, Arcangelo Corelli (en) Translate, Alessandro Scarlatti, Georg Philipp Telemann (en) Translate, Domenico Scarlatti (en) Translate agus Giovanni Bononcini (en) Translate
Gluasadceòl barocach
Gnè ealainopra
oratorio (en) Translate
concerto (en) Translate
anthem (en) Translate
ceòl clasaigeach
coronation anthem (en) Translate
Inneal-ciùilÒrgan
cruit-chòrda
obo
Creideamh
CreideamhLutharanachd
IMDbnm0005594
gfhandel.org

Nuair a bha e na bhalach òg, bha uidh aige ann an ceòl. Air sgàth 's gun robh e comasach, fhuair e oideachas gu math tràth. An dèidh trì bliadhna anns an Eadailt, far an do sgrìobh e a chiad opara, fhuair e obair bho Georg Ludwig von Hannover ann an Hànobhar ann an 1709.

Ann an 1710 chaidh Händel gu Sasainn. Ann an 1714 sgrìobh e am "Wassermusik" (ceòl–uisge) airson fàilte a chur do Georg Ludwig a bha an uair sin air ainmeachadh mar Seòras I, rìgh Shasainn. Chaidh an ceòl a chluich air bàtaichean air Abhainn Thames. Ann an 1719 chaidh an Royal Academy of Music a stèidheachadh le Händel na neach-stiùiridh ceòlach. Ach an dèidh 10 bliadhna bha iad briste. Thòisich Händel a-rithist, ann an 1737 dh’imrich e dhan Covent Garden Theatre. Ach anns an eadar-àm dh’atharraich blas nan daoine agus cha robh mòran uidh aca ann an drama liriceach na bu mhotha. Mar sin thòisich Händel air oratorio a sgrìobhadh; nam measg am fear as ainmeile a rinn e, Messiah (1742). Sgrìobh Händel 42 opara, 25 oratorio, agus ceòl de gach sheòrsa mar ceòl caidreimh, ceòl-foireann, duanagan agus cuirm-chiùil anns an stoidhle barocach; m. e. 1749 Feuerwerksmusik (Music for the Royal Fireworks) airson Rìgh Seòras II.

Chaochail e air 14 an Giblean 1759 ann an Lunnainn agus chaidh a thìodhlacadh ann am Westminster Abbey.[1]

Dealbhan

Iomraidhean

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:


🔥 Top keywords: