Gestapo

Geheime Staatspolizei
Facal SuaicheantaisMeine Ehre heißt Treue
'S ònoir mo dhìsle
Stèidhichte26 an Giblean 1933
SuidheachadhPrinz-Albrecht-Straße 8, Berlin

B' e feachd poileis oifigeil Nàsach a bha an sàs anns gach uile dùthaich air a cheansachadh le air neo fo smachd A' Ghearmailt Nàsach a bh' ann an Geheime Staatspolizei (Gàidhlig: Poileas Dìomhair na Stàite, ainm goirid: Gestapo, IPA: ɡəˈʃtaːpo).[1] Chaidh an Gestapo a chruthachadh air 26 an Giblean 1933 le Hermann Göring.[2] Dh'aonaich e na feachdan dìomhair a bh' anns dùthaich mar-thà ann an aon bhuidheann, ach a-nis fo stiùir nan Nàsach. Air 20 an Giblean 1934, thàinig an Gestapo fo smachd ceannard an SS, Heinrich Himmler, a chaidh ainmeachadh ceannard Poileas na Gearmailt le Adolf Hitler ann an 1936. Le sin, b' e feachd nàiseanta a bh' ann an Gestapo, seach seirbheis roinneil no ionadail àbhaisteach. A barrachd air sin, b' ann fo sgàil na Sicherheitspolizei (Gàidhlig: Poileas-tèarainteachd, ainm goirid: SiPo). An dèidh 27 an t-Sultain 1939, b' e an Reichssicherheitshauptamt (Gàidhlig: Prìomh-oifis Tèarainteachd na Rìoghachd, ainm goirid: RSHA) a rianaicheadh an Gestapo, fon ainm Amt 4 na RSHA. mar cho-bhuidheann na Sicherheitsdienst (Gàidhlig: Serbheis Tèarainteachd). Ghabh an Gestapo pàirt cudromach ann an Uile-losgadh tron Dàrna Chogadh. An dèidh a' chogaidh bha an Gestapo air a sheòrsachadh mar bhuidheann eucoireach airson an uilc a rinn iad.[3]

Ìobairtean na Gestapo

Iomraidhean

🔥 Top keywords: