Guadalajara

Guadalajara
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Guadalajara
Sgìre Castilla-La Mancha
Co-chomharran40° 39' 33' Tuath
03° 10' 24' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd235.51 km²
Àireamh-shluaigh84,803 (2009)
Dlùths360.08/km²
Àireamh fòn+ 34 949
Duilleag oifigeilDuilleag Oifigeil

’S e baile meadhanach faisg air Toledo ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Guadalajara (IPA: ɡwaðalaˈxaɾa). Tha e suidhichte aig 708m os cionn ìre na mara,[1] 51km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 456km bho Bharcelona.[2] Tha 84,803 duine a’ fuireach ann an Guadalajara.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Guadalajara a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à وادي الحجرة (wād al-ḥaŷara) a tha an t-ainm, a tha a' ciallachadh abhainn Henares[4] ann an Arabais. 'S e eileamaid gu math cumanta ann an ainmean-àite na Spàinn a th' ann guad-. Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean, a' cur g aig an toiseach air sàilleabh nach eil am fuaim wa ann aig toiseach facal sam bi ann an Spàinntis. 'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd Henares. Tha cuid dhen bheachd gur ann à caisteal (ḥaŷara) ann an Arabais.[5] A dh'aindeoin sin, tha luchd-rannsachaidh eile ann a tha a' toirt taic do fhreumhan ann am Basgais, 's dòcha bho harrikada (Gàidhlig: àite clachach).[6] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Eachdraidh

Chaidh am baile a stèidheachadh o chionn linntean leis na Ibèirich. Thog na Ròmanaich rathad eadar Toledo agus Zaragoza - am Via Dominicana - a dheidheadh seachad air Guadalajara.[7] Thug na h-Arabaich seilbh air Guadalajara anns an 8mh Linn agus b' ann fo buaidh nam Muslamach a dh'fhàs am baile. Thug na seilbh air Guadalajara ann an 1050.[8] Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[9] Cha do thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[10] A dh'aindeoin seo, dh'fheuch na Faisistich ionnsaigh a thoirt air a' bhaile mar phàirt an iomairt aca mu timcheall air Madrid. A thuilleadh air saighdearan às an Spàinn fhèin, b' e luchd saor-thoileach eadar-nàiseanta agus feachd às An Eadailt a bha an sàs sa gnothach. Thachair batal mòr fuilteach eadar 8 am Màrt agus 28 am Màrt 1937.[11] Chaill còrr is 5,000 duine am beatha san chòmhstri. Dhùilt na Reubaltaich ionnsaighean air an sgìre seo a'rithist.

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Guadalajara.[12] Cha tuit ach 342mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 831mm nas lugha na Steòrnabhagh(1173)[13] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach