Zaragoza

Zaragoza
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Zaragoza
Sgìre Aragón
Co-chomharran41° 39' 00 Tuath
00° 53' 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd973.78 km²
Àireamh-shluaigh666,058 (2010)
Dlùths683.99/km²
Àireamh fòn+ 34 965
Duilleag oifigeilDuilleag Oifigeil

'S e baile mòr anns an Spàinn a tha ann an Zaragoza (IPA: θaɾaˈɣoθa sa' Bheurla: Zaragoza no Saragossa). Tha e na phrìomh-bhaile an Zaragoza agus an mòr-roinne Aragón.

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à Caesaraugusta[1] ann an Laideann a tha an t-ainm, air sàilleabh gu robh am baile air a stèidheachadh le Octavius Augustus airson seann shaighdearan nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach.[2] Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean gu Zaragoza ann an Catalanais (k → s) agus fiù 's nas fhaide na sin ann an Spàinntis (k → s → θ).

Eachdraidh

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[3] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[4]

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Zaragoza.[5] Cha do thuit ach 322mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 851mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[6] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

🔥 Top keywords: