Ouagadougou

Ouagadougou
Suidheachadh
DùthaichBuircina Fhaso
CeàrnCentre Region
SgìreKadiogo
Co-chomharran12° 22’ 13" Tuath
1° 20’ 29" Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd2,805 km²
Àireamh-shluaigh1,523,980 (2006)
Dlùths543.31/km²

'S e prìomh-bhaile Bhuircina Fhaso a tha ann an Ouagadougou, ainm goirid: Ouaga. Anns a' bhliadhna 2006 bha 1,181,702 duine [1] a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Mar sin dheth 's e am baile as motha a tha anns an dùthaich seo.Tha Ouagadougou suidhichte air àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha. Tha Ouagadougou 772km air falbh bho Accra (Gàna), 756km bho Lomé (Togo), 742km bho Yamoussoukro (Costa Ìbhri), 414km bho Niamey (Niger), 703km bho Bhamako (Mali) agus 798km bho Cotonou Benin).[2] Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, aig 307m os cionn ìre na mara.[3]

'S e teas meadhan malairteach 's gnìomhachail a th' ann.Bha an Ouagadougou grand market, aon de na blàr-fèillean as motha air feadh Afraga-an-Iar, suidhichte an seo cuideachd. Ach chaidh an losgadh ann am 2003 agus tha e dùinte fhathast.

Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann ris an chanar Ouagadougou Airport. Tha rathad-iarainn ann an Ouagadougou cuideachd, tha am baile ceangailte le Abidjan ann an Costa Ìbhri agus Kaya ann an taobh tuath Burkina Faso. Tha rathad mòr ann gu Niamey, prìomh-bhaile Nìgeir.

Bailtean Co-cheangailte

Ceanglaichean A-mach

Iomraidhean

Dealbhan

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: