Yamoussoukro

Yamoussoukro
Suidheachadh
Dùthaich Costa Ìbhri
CeàrnLacs
SgìreYamoussoukro
Co-chomharran6° 48′ 24"
5° 16′ 22"
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd3,500 km²
Àireamh-shluaigh200,659 (2005)
Dlùths57.33/km²

'S e prìomh-bhaile Costa Ìbhri a tha ann an Yamoussoukro bhon Mhàirt 1983. Tha 200,659 duine a’ fuireach anns a' bhaile fhèin. (1ad am Faoilteach 2005). Tha Yamoussoukro 612km air falbh bho Mhonrovia (Liberia), 442km bho Bhamako (Màili), 472km bho Ouagadougou (Burkina Faso), 557km bho Accra (Gàna) agus 975km bho Chonakry (Gini).[1]

Cruinn-eòlas

Tha Yamoussoukro suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 219m os cionn ìre na mara,[2] mu 230 cilemeatair taobh tuath Abidjan, an seann phrìomh-bhaile. 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 48′ 24" Tuath agus 5° 16′ 22" Iar

Duine ainmeil às a' bhaile

'S e baile breith Félix Houphouët-Boigny, ciad cheann-suidhe Chosta Ìbhri, a tha ann an Yamoussoukro.

Fiach fhaicinn

Chaidh am "Basilique de Notre-Dame de la Paix" air a togal le Félix Houphouët-Boigny. 'S e àrd-eaglais coltach ris an àrd-eaglais Naomh Phàdraig ann an Cathair na Bhatacain, ach 's e an eaglais as motha a tha ann air feadh a' chreideamh Chrisdeanach.[3]

Dealbhan

Iomraidhean

Ceangal a-muigh

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: