Auguste Rodin

B’ e François-Auguste-René Rodin (Paris, 12 an t-Samhain 1840 - Meudon, 17 an t-Samhain 1917) fear dhe na deilbhearan na b’ ainmeile a bh’ ann a-riamh.[1] Tha na nithean na b’ fheàrr a rinn e ann an dà taigh-tasgaidh ann am Paris agus Meudon a-nis. Bha athair, Jean-Baptiste, na oifigear poilis ann an Normandaidh.

Auguste Rodin
Beatha
Ainm slànRené François Auguste Rodin
BreithParis, 12 dhen t-Samhain 1840
Dùthaich An Fhraing
BàsMeudon, 17 dhen t-Samhain 1917
Àite-adhlacaidhVilla des Brillants (en) Translate
Meudon
Teaghlach
AthairJean Baptiste Rodin
MàthairMarie Cheffer
CèileRose Beuret Mignon (en) Translate  (29 dhen Fhaoilleach 1917 -
CàraidCamille Claudel (en) Translate
Gwen John
Foghlam
FoghlamÉcole nationale supérieure des arts décoratifs (en) Translate
CànainFraingis
Luchd-teagaisgAlbert-Ernest Carrier-Belleuse (en) Translate
Horace Lecoq de Boisbaudran (en) Translate
OileanaichAntoine Bourdelle (en) Translate
Constantin Brâncuși
Camille Claudel (en) Translate
Charles Despiau
Louis Auguste Albert Paul (en) Translate
Carl Milles (en) Translate
Agnes de Frumerie (en) Translate
Hilda Flodin (en) Translate
Raphaël Diligent (en) Translate
Ivan Kavaleridze (en) Translate
Eleonora Abramowna Bloch (en) Translate
Dreuchd
Dreuchdsnaidheadair, graphic artist (en) Translate, neach-tarraing, neach togail dhealbhan, peantair, architectural draftsperson (en) Translate agus printmaker (en) Translate
Àitichean-obrachA' Bhruiseal, Meudon, Paris, An Ròimh, Dordrecht, Lunnainn agus Buenos Aires
Obraichean comharraichteThe Thinker (en) Translate
The Age of Bronze (en) Translate
The Burghers of Calais (en) Translate
The Gates of Hell (en) Translate
Amor and Psyche (en) Translate
The Kiss (en) Translate
Monument to Balzac (en) Translate
Duaisean a fhuaras
BuaidhMichelangelo agus Jean-Baptiste Carpeaux (en) Translate
BallrachdAccademia delle Arti del Disegno (en) Translate
Gluasadmodern art (en) Translate
Symbolism (en) Translate
Gnè ealainportrait (en) Translate
allegory (en) Translate
figure (en) Translate
nude (en) Translate
public art (en) Translate

Trèanadh agus Obair

Rodin, 1898.

Thòisich e a chuid trèanaidh foirmeil ann an 1854, nuair a chaidh e dhan Sgoil Bheag (Fraingis: La Petite École), is Lecoq de Boisbaudran agus Jean-Hilaire Belloc a’ toirt foghlam dha na h-oileanaich an siud. Aig aon an àm dh’ionnsachadh e fo stiùireadh Antoine-Louis Barye, eòlaiche-bodhaig,[2]is bha e an sàs ag obair anns an stiùidio aig Louis-Robert Carrier-Belleuse cuideachd.[3] An dèidh an Sgoil Bheag fhàgail, dh’fheuch e ris a dhol do Sgoil na h-Ealain Pharis, ach chaidh e dhiùltadh trì tursan.

‘S e An duine leis an t-sròin bhriste (L'Homme au nez cassé)[4] a bh’ann a’ chiad rud a chuir e a-steach dhan Salon ann am Paris, ach dhiùltadh e air sàilleabh nach robh e deiseil.[5] Seo liosta na nithean na b’ ainmeile aige: An Smuaineadair (1880), Am Pòg (1886) agus Am Mac Stròdhail (1889).

‘S e Dorsan Ifrinn (La Porte de l’Enfer) an rud na b’ adhartaiche ghlòir-mhiannaiche a rinn e a-riamh, a dh’iarr Taigh-tasgaidh na h-Ealain Mhaisich air. Mhair an gnothach ceithir bliadhna gus an robh e deiseil airson taisbeanadh an Salon ann an 1900, is chuidich Camille Claudel e ris. Thug e brosnachadh agus misneachadh bho mhòran tobraichean, ach dh’ainmich esan fhèin gu seachd àraidh Dorsan Phàrrais le Ghiberti, An Ifrinn[6] le Dante agus Flùraichean na n-Aingidheachd[7] le Baudelaire.

Rinn e ìomhaighean dhe Victor Hugo agus Honoré de Balzac ann an 1897 a bha gu math connspaideach aig an àm, ach ‘s e càrnan-cuimhne poblach ann am Paris a th’ annta a-nis. Tha am buidheann eachdraidheil aige ris an canar Na Bùirdeasaich à Calais (Les Bourgeois de Calais) uabhasach ainmeil gus an latha an-diugh cuideachd, is chithear e ri beulaibh Pàrlamaid Shasainn ann an Lunnainn.[8] A bharrachd air sin, tha aon ìomhaigh a rinn e, Eòin Baistidh, ann an Gleann na Cille, faisg air Dùn Phrìs, Alba.[9]

Ealain agus Lomnochd

Bha cuspairean gnèitheasach agus drùis-mhiannach a-riamh ann an teas mheadhan na h-obrach aig Rodin.[10] Fhaiceadh cuirp rùisgte is gnothaichean na feòla dhe gach uile seòrsa, fiù 's fèin-bhrodadh, anns a chuid obrach, seadh anns na h-ìomhaighean mheatailt is cloiche, seadh anns na dealbhan is gràbhalaichean. ‘S e dìreach Rodin a bh' ann a’ chiad dheilbhear a rinn fìor dhealbh caineag mhnà,[11] ann an Iris, teachdaire na Diathan (Iris, messagère des dieux).[12]

Gaol

Bha beò-ghlacadh làidir taobh cuspairean na feòla aig Rodin.[13] agus bha tòrr leannain aige fad a bheatha, ach thug dithis dhuibh buaidh mhòr air a chuid obrach. ‘S e Rose Beuret a’ chiad leannan a fhuair e, bha iad còmhla fad am beatha, is phòs e rithe mu dheireadh thall air an 29mh latha dhenFhaoilleach 1917 (am bliadhna a bhàsaich an dithis dhuibh).[14] Thug Rose Beuret mac dha, ach leigeadh Rodin seachad e.

Bheireadh boireannach eile buaidh fa leth mòr air beatha Rodin, tè air an robh Camille Claudel, a bha an sàs ann am buidheann dhe oileanaich a fhuair Rodin, mu 1884. Dh’aidich Rodin gun do thòisich e air cuspairean gu math drùis-mhiannach agus gnèitheasach a dh’obair nuair a choinnich e Camille Claudell. Chaochail i ann an 1943 an dèidh 30 bliadhna a chuir seachad ann an taigh-cuthaich.[15]

Bha mòran leannain ainmeil eile ann an saoghal an ealain aig Rodin fad a bheatha cuideachd. Mar eisimpleir, sgrìobh an dannsair Isadora Duncan mu dheidhinn a cuid leannanachd neo-thorrach còmhla ris an deilbhear:[16] ’S e dìreach a h-uile càil a thoirt dhasan gum bu mhiann leamsa fhèin agus sin a dhèanainn gu dearbh, nan cuireadh mo chuid fhoghlaim amaideach an dearg eagal ormsa (...). Abair na tursan a ghabh mi aithreachas air a’ mhì-thuigsinn ghòrach leis gun do chaill mi an cothrom seunta mo mhaighdeanas a thoirt dhan dhia Pan, do Rodin uamhasach! A bharrachd air sin, thug mòran de luchd-ealain is cleasaichean pàirt ann am beatha Rodin, is bho àm gu àm bhite ag iarraidh a bhith ga mì-chliùthachadh gu poblach, air an sgàth; Sgaoileadh Sergei Diaguilev droch fhathannan mu dheidhinn Rodin agus Vatslav Nijinski, nuair a chunnaic e an dithis dhuibh nan cadal còmhla air an fheur an comhair an Taigh-òsda Hôtel Biron.

Dìleab

‘S e fìor ro-theachdaire an deilbhidh nòs-ùr agus fìorachail a bh’ann Rodin, ged an robh neart clasaigeach ann cuideachd. Thug e buaidh uabhasach mòr air deilbhearan an 20mh Linn mar Camille Claudel, Maillol, Constantin Brâncuşi, Matisse, Alberto Giacometti neo fiù 's Chillida.[17] Tha feadhainn ag ràdh gur robh na rinn e cudromach do dh’Egon Schiele cuideachd.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

🔥 Top keywords: