Cànan Silesianach

Tha an cànan Silesianach ga bruidhinn ann an Upper Silesia anns a' Phòlainn, ach cuideachd anns an t-Seic agus anns a' Ghearmailt. Anns a’ bhliadhna 2011 bha 509 000[1] ag ràdh gu bheil iad a’ cleachdachd a’ chànan mar prìomh-chànan.Tha cànan Silesianach ceangailte ri Pòlais, mar sin dheth canar uaireannan gur e dual-chainnt Phòlais a tha innte.

Roinnean far a bheil Cànan Silesianach ga bruidhinn; faic G1, G2
Sanas air uaigh a tha a' ciallachadh: "Rest in Peace"

Aibidil

Tha nas motha na aon aibidil a tha ann. Is àbhaist do na luchd-bruidhinn na litrichean a sgrìobhadh le litrichean pòlainneach. Anns a’ bhliadhna 2010 chaidh aibidil ùr a chur ri chèile a tha a’ gabhail a-steach na deich dòighean sgrìobhaidh eadar-dhealaichte. Tha an aibidil ùr cleachte gu math tric anns an eadar-lìon agus ann an Wikipedia Silesianach.

Seo liosta nan litreachan:

A aà ãB bC cĆ ćD dE e
F fG gH hI iJ jK kL l
Ł łM mN nŃ ńO oŎ ŏŌ ō
Ô ôÕ õP pR rS sŚ śT t
U uW wY yZ zŹ źŻ ż

Eiseimpleir

Seo eiseimpleir den chòmhradh laitheil anns a' chànain Shilesiannach agus anns a' Ghàidhlig:

Cànan SilesianachGàidhlig
Dobry dziyń/ Dobre połednieMadainn mhath/ Feasgar math
Dŏwno żech cie niy widziołch. Jak ci sie darzi?Chan fhaca mi thu airson greis. Ciamar a tha thu?
Idzie tam jako. A u ciebie? Glè mhath. Agus ciamar a tha thu fhèin?
Niy mŏ nojgorzij. Trochã żech umorz.Chan eil dona. Tha an cnatan orm.
Sporo sam sie dzieje.Tha mòran a’ dol an-seo.
Mŏsz ôchotã na szolka kafyju?An tèid sinn a dh’òl cupa cofaidh còmhla?
No toć, napijmy sie.Thèid, nì sinn sin.

Urnaigh an Tighearna

Seo Urnaigh an Tighearna sa' chànain Silesianach agus anns a' Phòlais:

Cànan Silesianach[2]

Ôjcze nasz, świynte durś miano Wasze,
Wasze Krōlestwo niychej tyż nasze.
Niych wola Waszo ciyngym sie dzieje,
w niebie, na ziymi, kej ćmi, kej dnieje.
Dejcie nōm dzisioj chycić sie chleba,
kej co dziyń przeca jeść go nōm trzeba.
I nōm wyboczcie w Swyj łaskawosci,
te grzychy nasze, jako my, prości,
nōm winowatym tyż wyboczōmy,
ze wolny woli co ôd Wos mōmy.
Amyn.


Pòlais

Ojcze nasz, któryś jest w niebie,
święć się imię Twoje,
przyjdź królestwo Twoje,
bądź wola Twoja jako w niebie tak i na ziemi.
Chleba naszego powszedniego daj nam dzisiaj.
I odpuść nam nasze winy,
jak i my odpuszczamy naszym winowajcom.
I nie wódź nas na pokuszenie,
ale zbaw nas ode złego.
Amen.

Tùsan

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: