Dnipro

Dnipro
Дніпро
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Dnipropetrovska Oblast
Sgìre Dniprovskyi Raion
Co-chomharran48° 28 03' Tuath
35° 02 24' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd409.718 km²
Àireamh-shluaigh980,948 (2021)
Dlùths2,394.2/km²
Àireamh fòn+ 380 562
Duilleag oifigeilDuilleag Oifigeil

'S e baile mòr agus port-aibhne eadar Poltava agus Zaporizhzhia anns An Ucràin a th' ann an Dnipro (Ucràinis: Дніпро, Pòlais: Dniepr, IPA: dn⁽ʲ⁾iˈprɔ). Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Dnipro fhèin, san roinn Dnipropetrovska Oblast. Tha 980,948 duine a' fuireach an seo, an ceathramh baile as motha na h-Ucràine.

Eachdraidh

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1776 mar Ekaterinoslav mar urram air Caitrìona II na Ruise agus chanadh Dnipropetrovsk ris eadar 1926 agus 2016, mar urram air an neach-poileataigs Comunnach Grigory Petrovsky. Thogadh am baile far an robh daingneachadh Cosagach roimhe. Ann an 1991, thàinig Dnipro gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.

Eòlas-sluaigh

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Dnipro a' bruidhinn (53.08%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (45.87%) cuideachd.[1]

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

  • Dalian
  • Durham, Canada
  • Gomel
  • Herzliah
  • Kutaisi

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

🔥 Top keywords: