Iomairteachd

'S e seòrsa ghnìomhachd steidhichte air adhbharan moralta, creideamhach, sòisealta, air neo poilitigeach, gu tric gus gearan a dhèanamh an aghaidh na thathas a' faicinn mar ana-ceartas a th' ann iomairteachd.[1] 'S ann air an speactram poilitigeach air fad a a chithear iomairteachd agus thathar ga cur an gnìomh ann an cruthan gu tur eadar-dhealaichte, an dà chuid neo-ainneartach (litrichean gu pàipearan-naidheachd poilitigeach, propaganda poilitigeach, stailcean, caismeachdan) agus fòirneartach, leithid cogadh guerrilla, armailteachd armaichte, suas ri ceannairceachd.[2] Chan fheum iomairteachd an-còmhnaidh a bhith a' buntainn ri gearanan agus sabaidean.[3] Mar eisimpleir, bidh luchd-iomairt creideimh ag atharrachadh an dòigh-beatha seach a bhith ag amas air atharrachadh anns na laghan; tha an gluasad co-obrachail a’ gealltainn institiudan ùra a bhrosnachadh a tha a rèir a phrionnsapalan gun a bhith a’ cur cuideam poilitigeach orra no a bhith a' dèanamh gearanan poblach. Tha iomairteachd eaconamach air a chuir an cèill nas mionaidiche tro bhoicotan agus tro bhith a’ faighinn smachd air roinnean no gnìomhachasan sònraichte. Tha iomairteachd airson na h-àrainneachd cuideachd a’gabhail cuideam mòr an latha an-diugh.[4]

Iomairteachd ann am Paris

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

🔥 Top keywords: