Oviedo

Oviedo
Uviéu
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
CeàrnAsturias
Sgìre Asturias
Co-chomharran43° 21′ 45″ Tuath
05° 51′ 01″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd186.65 km²
Àireamh-shluaigh223,765 (2014)
Dlùths1,198.85/km²
Àireamh fòn98
Duilleag oifigeilA' Chomhairle

'S e baile mòr faisg air Gijón ann an Asturias (An Spàinn) a th' ann an Oviedo (IPA: oˈβjeðo, Asturianis: Uviéu, Laideann: Ovetum). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, aig 232m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Asturias fhèin. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 761. 'S e Asturianis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo. 'S e am seirbheisean agus an Riaghaltas ionadail a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 223,765 duine a' fuireach ann.[1]

Freumhan an Ainm

'S ann gu math connspaideach 's a tha freumhan an ainm. Tha cuid ag ràdh gur ann à Urbs Vetus (seann bhaile) ann an Laideann a tha ainm a' bhaile. Tha feadhainn dhen bheachd gur e dìreach ovis (caora) agus etum (àite) a th' ann. Bheireadh sin Baile nan Caorach dhuinn sa Ghàidhlig an latha an diugh. Thuirt Ramón Menéndez Pidal gur ann à Basgais no fiù 's Ceiltis a bh' ann. Tha teòiridh eile ann a chanas gur ann à ainm an Dia Iove a th' ann.

Eachdraidh

Nochd ainm a' bhaile ann an sgrìobhainn airson a' chiad turais ann an 761. Thàinig an rèile - agus turasachd - ann an 1874.[2] Thuit am baile gu na Reubaltaich Faisisteach aig toiseach tòiseachaidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936. Chuairtich feachdan an Riaghaltais e fad trì mìosan. Chaidh còrr is dà mhìil saighdear a mharbhadh ann an sabaid.[3] Chaidh Oilthigh Oviedo a stèidheachadh an seo ann an 1602.[4] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach tòiseachaidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936,[5] ged a bha an corr dhen roinne dealas dhan Phoblachd.

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Oviedo .[6] Cha tuit ach 848mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 335mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite caran fliuch a th' ann, an taca ri àiteachan eile san Spàinn co-dhiù.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

🔥 Top keywords: