Recep Tayyıp Erdoğan

'S e neach-poileataigs às an Tuirc a th' ann an Recep Tayyıp Erdoğan (IPA: ɾeˈd͡ʒep tɑjˈjip ˈæɾdo(ɰ)ɑn, Istanbul 26 an Gearran 1954).[1] 'S ann gu teaghlach bochd Muslamach a bhuineas e: b' e maor-cladaich a bha athair agus b' fheudar do Recep rudan a reic san t-sràid nuair a bha e na dheugair. Thoisich Erdoğan ann am poileataigs ann an 1976 agus thug e ceum bho oilthigh Mharmara ann am manaidsearachd ann an 1981.[2] Tha e air a bhith na ceann-suidhe bho 2003 airson Pàrtaidh a' Cheartais agus Leasachadh (Turcais: Adalet ve Kalkınma Partisi), a chaidh a chruthachadh ann an 2001 nuair a thàinig iomadh mion phàrtaidh Ioslamach ri chèile. Ann an 2016 theab an t-arm ga chur a-mach às a dhreuchd ach sheas na daoine an aghaidh nan saighdearan.[3] 'S e gu bheil na poileasaidhean aig Erdoğan san riaghaltas a' dol an aghaidh na rinn Mustafa Kemal Atatürk (1881 - 1938) a bha airson Poblachd neo-eaglaiseach - ris an canar Kemalizm (Gàidhlig: Kemalas)[4] - a chur an àite an Rìoghachd chreideamh a bh' ann fad linntean roimhe. 'S ann air Ioslam modaratach a tha Erdoğan a' dèanamh fòcas.[5] Bha e na phrobhaist Istanbul bho 1994 - 1998 cuideachd.

Recep Tayyıp Erdoğan
mayor of Istanbul (en) Translate

27 dhen Mhàrt 1994 - 6 dhen t-Samhain 1998
Nurettin Sözen (en) Translate - Ali Müfit Gürtuna (en) Translate
Ball Àrd-sheanadh Nàiseanta na Tuirce

9 dhen Mhàrt 2003 - 28 dhen Lùnastal 2014
Sgìre: Siirt (en) Translate
Taghadh: 2003 Siirt Province by-election (en) Translate
25. Prìomh-mhinistear na Tuirce

14 dhen Mhàrt 2003 - 29 dhen Lùnastal 2007
Abdullah Gül (en) Translate - Recep Tayyıp Erdoğan
Prìomh-mhinistear na Tuirce

29 dhen Lùnastal 2007 - 6 dhen Iuchar 2011
Recep Tayyıp Erdoğan - Recep Tayyıp Erdoğan
Prìomh-mhinistear na Tuirce

6 dhen Iuchar 2011 - 29 dhen Lùnastal 2014
Recep Tayyıp Erdoğan - Ahmet Davutoğlu (en) Translate
12. Ceann-suidhe na Tuirce

28 dhen Lùnastal 2014 -
Abdullah Gül (en) Translate
Beatha
BreithKasımpaşa (en) Translate agus Beyoğlu (en) Translate, 26 dhen Ghearran 1954
Dùthaich An Tuirc
Àite-fuirichIstanbul
Ciad chànanTurcais
Teaghlach
CèileEmine Erdoğan (en) Translate  (4 dhen Iuchar 1978 -
Clann
Sinnsirean
Foghlam
FoghlamOilthigh Marmara, Roinn Eaconamachd is Saidheansan Rianachd 1981) : science of public administration (en) Translate
İmam Hatip school (en) Translate
Marmara University (en) Translate
CànainTurcais
Beurla
Dreuchd
Dreuchdstàitire, neach-poileataigs agus eaconamaiche
Àirde1.85 meatair
Obraichean comharraichteA Fairer World Is Possible (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Creideamh
CreideamhIoslam Sunnitheach
Pàrtaidh poileataigeachPàrtaidh a' Cheartais is an Leasachaidh
Pàrtaidh Nàiseanta na Slàinte
Pàrtaidh an Leas
Pàrtaidh nam Beus
IMDbnm5724012
tccb.gov.tr

Iomraidhean

🔥 Top keywords: