Ùranas (planaid)


Is Ùranas no Urànus (o Οὐρανός Sheann-Ghreugais tro Uranus Laideann) an t-seachdamh planaid on ghrian. Tha an treas rèideas planaideach as motha agus an ceathramh tomad planaideach as motha aige san rian-grèine againn. Tha stuthan Ùranais coltach ri stuthan Neaptuin, ach tha na stuthan ceimigeach aca diofraichte on fheadhainn aig na famhairean gasa nas motha, siud am Bliogh agus Satarn. 'S ann air an adhbhar seo gun cuir na h-eòlaichean "fuamhairean deighe" air Ùranas agus Neaptun gus an diofar eatorra is na fuamhairean gas a nochdadh. Tha àile Ùranais coltach ri feadhainn a' Bhliogh agus Satairn on a tha a' mhòrchuid dhe 'na hàidhdreaidean is hilium ach tha barrachd "deighean" aige mar uisge, amòinia agus methan cho math ri lorgan hàidhdrea-charbonan eile.[10] 'S e an t-àile planaideach as fhuaire sa rian-ghrèine a th' ann agus is 49 K (−224.2 °C) an teothachd as lugh agus tha breathan neòil iom-fhillte aige. Thathar dhen bheachd gu bheil an t-uisge pailt sna neòil as ìsle agus methan sna neòil as àirde.[10] Tha a' mhòrchuid dhe mheadhan Ùranais 'na dheighean is clach.[9]

Ùranas

Clàr Ùranais gun fheartan, seo dealbh a chaidh a thogail le Voyager 2 ann an 1986
Lorg
Chaidh a lorg leWilliam Herschel
Latha an luirg13 dhen Mhàrt 1781
Feartan na cuairte (Ceann-aimsir J2000) [1]
Aphelion20.11 AU
(3,008 Gm)
Perihelion18.33 AU
(2,742 Gm)
Aiseal dàrnach19.2184 AU
(2,875.04 Gm)
Neo-mheadhanachd0.046 381
Ùine na cuairte84.0205 bliadhna Iulianach
30,688.5 latha[2]
42,718 làithean-grèine Ùranais[3]
Ùine co-nasgach369.66 latha
Luaths cuibheasach na reul-cuairte6.80 km/s
Neo-choitcheannachd meadhain142.238 600°
Claonadh0.773° an coimeas na h-èicliptich
6.48° an coimeas crios-meadhain na Grèine
1.02° an coimeas plèana neo-chaochlaideach[4]
Domhan-fhad an nòd-dìridh74.006°
Argamaid a' perihelion96.998 857°
Saidealan air a bheil sinn eòlach27
Feartan fiosaigeach
Rèideas meadhain25,362±7 km[5]
Rèideas meadhan-chriosach25,559±4 km
4.007 uiread dhen Talamh[5]
Rèideas pòlarach24,973±20 km
3.929 uiread dhen Talamh[5]
Leathnachadh0.0229±0.0008[5]
Cearcall-thomhas159,354.1 km[2]
Farsaingeachd an uachdair8.1156 × 109 km2[2]
15.91 uiread dhen Talamh
Tomhas lìonaidh6.833 × 1013 km3[6]
63.086 uiread dhen Talamh
Tomad(8.6810±0.0013)×1025 kg
14.536 uiread dhen Talamh[7]
GM=5,793,939±13 km3/s2
Dùmhlachd meadhain1.27 g/cm3[6]
Iom-tharraing air an uachdair8.69 m/s2[6]
0.886 g
Luaths teichidh21.3 km/s[6]
Ùine a' chuir reultaich0.718 33 là 17 u 14 m 24 d[5]
Luaths cuir an reul-chriosa2.59 km/s
9,320 km/h[6]
Claonadh an aiseil97.77° an coimeas na reul-cuairte[6]
Dìreadh deas a' phòla a tuath17u 9m 15d
257.311°[5]
Dì-chlaonadh a' phòla a tuath−15.175°[5]
Albedo0.300 (Bond)
0.51 (geomatrach)[6]
Meudachd lèirsinneach5.9[8] gu 5.32[6]
Trast-thomhas ceàrnach3.3″ gu 4.1″[6]
TeothachdAir ìre 1 bhàr[9]
  • Meadhain: 76 K (−197.2 °C)

0.1 bàr (tropo-stad)[10]

  • As ìsle: 47 K
  • Meadhain: 53 K
  • As àirde: 57 K



Àile [10][11][12]
Àirde sgèilidh27.7 km[6]
Stuthan(Fo 1.3 bàr)

Gasan:

  • 83 ± 3% hàidhdreaidean (H2)
  • 15 ± 3% helium (He)
  • 2.3% methan (CH4)
  • 0.009% (0.007–0.015%) hàidhdreaidean deuteride (HD)

Deighean:

  • amòinia
  • uisge
  • amòinium hàidhdrea-suilfid
  • methan hydrate

Chan fhaicear Ùranas leis an t-siùil lom ach gu fann. Chaidh a lorg le William Herschel. 'S e planaid uaine/glas a tha ann.

Gealaichean Ùranais

Chaidh na gealaichean ainmicheadh air caractaran anns na h-obraichean William Shakespeare agus Alexander Pope.

Lorg William Herschel Oberon is Titania ann an 1787. Lorg William Lassell Ariel agus Umbriel, agus Lorg Gerard Kuiper a' choigeamh ghealach, Miranda, ann an 1948. Nuair a bha Voyager 2 air chuairt air Ùranas lorg e deich gealaichean eile: Juliet, Puck, Cordelia, Ophelia, Bianca, Desdemona, Portia, Rosalind, Cressida is Belinda.[13] Chaidh gealaichean a bharrachd a lorg le teileasgopan air Thalamh no ann an dealbhan bho Voyager 2: Caliban is Sycorax ann an 1997, Stephano, Prospero agus Setebos ann an 1999, Ferdinand, Francisco agus Trinculo ann an 2001 agus Mab, Cupid is Margaret ann an 2003.[14]

Ceanglaichean a-mach

  • Mac IllEathain, Iain: “An Cruinne-Cè: 2023”, Naidheachdan a' BhBC. 20mh dhen Dùbhlachd 2023. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2023. 
  • Mac IllEathain, Iain: “An Cruinne Cè: Neamhnaid Fhuar”, Naidheachdan a' BhBC. 28mh dhen Dùbhlachd 2023. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2023. 

Iomraidhean

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: