Bulgàiris

'S e cànan sa gheug slabhach de na cànanan Innd-Eòrpach a th' ann am Bulgàiris neo български език. Tha Bulgàiris ga bruidhinn le timcheall air 7,990,000 duine ann am Bulgàiria, far a bheil i na cànan oifigeil agus 1,107,220 ann an corra àite ann an Romàinia, An t-Sèarb, An Ucràin agus ann an coimhearsnachdan eile air feadh an t-saoghail, còmhla ri cànain eile. Chaidh a' chiad leabhar fhoillseachadh ann am Bulgàiris anns an 9mh Linn. A bharrachd air sin, thathar ga sgrìobhadh anns an Aibidil Cirillach, neo Kirilitsa (Кирилица).

Bulgàiris/български език
Fuaimneachadhˈbɤ̞ɫɡɐrski ɛˈzik
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

9,097,220[1]

Teaghlach-chànan

Indo-Eorpach

Siostam-litreachaidhAibidil Cirileach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeilBulgàiria
'Ga riaghladh leIBL
Còdan Cànan
ISO 639-1bg
ISO 639-2bul
ISO 639-3bul
Roinnean far a bheil Bulgàiris ga bruidhinn

Eiseimpleir

  • Bulgàiris:

Всички хора се раждат свободни и равни по достойнство и права. Те са надарени с разум и съвест и следва да се отнасят помежду си в дух на братство

Vsichki khora se razhdat svobodni I ravni po dosojnstvo i prava. Te sa nadareni s razum i s’vest i sledava da otnastjat pomezhdu si dukh na bratstvo.

Tha gach uile duine air a bhreith saor agus co-ionnan ann an urram 's ann an còirichean. Tha iad air am breith le reusan is le cogais agus mar sin bu chòir dhaibh a bhith beò nam measg fhèin ann an spiorad bràthaireil.[2]

Bulgàiris Bhunaiteach

  • Dobre došãl. – Fàilte[3]
  • Kak ste? – Ciamar a tha thu?
  • Dobro utro – Madainn mhath.
  • Dobãr den. – Feasgar Math.
  • Dobãr večer. – Oidhche mhath.
  • Doviždane. – Mar sin leat.
  • Zdravejte. – Halò.
  • Sãžaljavam. – Tha mi duilich.
  • Izvinete. – Gabh mo leisgeil.
  • Blagodarya. – Mòran taing.
  • Kade e toaletnata? Càite a bheil an taigh beag?
  • Az ne znam. – Chan eil fhios agam.
  • Običam te. – Tha gaol agam ort.
  • Nazdrave! – Slàinte!

Coimeas ri Cànain eile

Tha Bulgàiris uabhasach coltach ri cànain Slàbhach eile, gu h-àraidh Masadòinis, Searbais, Pòlais agus Ruisis:

Ainmearan
Bulgàiris (Български)Masadòinis (Македонски)Searbais (Српски/Srpski)Ruisis (Русский)Pòlais (Polski)Gàidhlig
дърводрводрво/drvoдеревоdrzewocraobh
картоф/компир/барабойкомпиркромпир/krompirкартофельziemniak, kartofelbuntàta
коткамачкамачка/mačkaкошкаkotcat
куче, пескуче, песпас/pasсобака, пёсpies
къща, домкуќа, домкућа, дом / kuća, domдомdomtaigh/dachaigh
масамасасто/stoстолstółbòrd
млякомлекомлеко/mlekoмолокоmlekobainne
столстолстолица/stolicaстулkrzesłoseathair
Gnìomhairean
Bulgàiris (Български)Masadòinis (Македонски)Searbais (Српски/Srpski)Ruisis (Русский)Pòlais (Polski)Gàidhlig
имамимамимам/imamимеюmamTha … agam
искам, желаясакамжелим, хоћу/želim, hoćuхочу, желаюchcęTha mi ag iarraidh
правя,вършаправам, вршамвршим/vršimделаюrobięTha mi a’ deànamh
ходя, вървяодам, врвамходам/hodamхожуchodzęTha mi a’ coiseachd
говоря, думам, приказвам, казвамзборувам, говорамговорим/govorimговорюmówięTha mi a’ bruidhinn
намирамнаоѓамналазим/nalazimнахожуznajdujęTha mi a’ lorg
ямјадам, ручамједем/jedemемjemTha mi ag ithe
пияпијампијем/pijemпьюpijęTha mi ag òl

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

🔥 Top keywords: