Cnò

Ann an luibh-eòlas, 's e seòrsa meas far a bheil sìol ann am plaosg cruaidh a tha ann an cnò.[1]

Cnòthan-calltainn.

Mar eisimpleir, 's e cnòthan anns a' bhrìgh luibh-eòlasach a tha ann an cnòthan-calltainn, cnòthan-daraich agus cnòthan-geanmaidh.

Tha brìgh eile ann an còcaireachd. 'S e sìl a tha ann an cnòthan-almoin, cnòthan-Braisileach, cnòthan-Frangach, cnòthan-spuinge (neo cnòthan Mòire), cnò-mheannt, cnòthan-piostais, cnòthan-peacain, agus 's e pòr-cochaill a tha anns a' chnò-thalmhainn.

Iomraidhean

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: