Flerovium


'S e eileamaid cheimigeach a tha ann am flerovium le samhla Fl agus àireamh atamach 114.

Flerovium
Georgi Fliorov
Clàr pillteach
HHe
LiBeBCNOFNe
NaMgAlSiPSClAr
KCaScTiVCrMnFeCoNiCuZnGaGeAsSeBrKr
RbSrYZrNbMoTcRuRhPdAgCdInSnSbTeIXe
CsBa*HfTaWReOsIrPtAuHgTlPbBiPoAtRn
FrRa**RfDbSgBhHsMtDsRgCnNhFlMcLvTsOg
*LaCePrNdPmSmEuGdTbDyHoErTmYbLu
**AcThPaUNpPuAmCmBkCfEsFmMdNoLr
Buadhan
SamhlaFl
Àireamh114
Buidheann14
Ùine7
Blocap
SeòrsaMeatailt
Buadhan stuthach
DathChan eil fhios againn
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da(289) Chan eil e seasmhach[1]

'S e meatailt glè rèidio-bheò agus fuadain a tha ann. Tha rannsachaidhean air a' chumhachd-thàlaidh eadar ataman de fhlerovium agus uachdar de dh'òr a thomhas agus leig iad ris gu bheil flerovium coltach ri mhearcair.[2] Mhol na ùghdaran gur e "meatailtean bheòthail", seòrsa ùr de eileamaidean, a tha ann an copernicium agus flerovium.

Rinneadh caractarachd ri 6 ioso-topaichean de fhlerovium. Tha 289Fl, le leth-bheatha 2.6 diogan, as seasmhaiche.[3]

Eachdraidh

Ann an 1998 rinn an sgioba Yuri Oganessian aig an Co-instititud airson Rannsachadh Niùclasach ann an Dubna atam de fhlerovium. Bhuail iad niùclasan plutonium-244 le niùclasan calcium-48 agus rinn iad 289Fl.Dh'ainmich iad e air an Deuchainn-lann Flerov airson Iom-obraichean Niùclasach, a dh'ainmicheadh air Georgi Fliorov, fiosagaiche às an Ruis.

Cleachdadh

Tha flerovium glè thearc agus chan eil cleachdaidhean ann.

Iomraidhean

🔥 Top keywords: