Caesium


'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an caesium le samhla Cs agus àireamh atamach 55.[2] 'S e meatailt alcalaidh glè bhog a tha ann. Tha e ag iom-obrachadh cho toileach 's gu bheil e a' spreadhadh anns an adhair. Mar mheatailt alcalaidh tha an feartan coltach ri na feartan ruibidium agus potasium.

Caesium
Caesium.
Clàr pillteach
HHe
LiBeBCNOFNe
NaMgAlSiPSClAr
KCaScTiVCrMnFeCoNiCuZnGaGeAsSeBrKr
RbSrYZrNbMoTcRuRhPdAgCdInSnSbTeIXe
CsBa*HfTaWReOsIrPtAuHgTlPbBiPoAtRn
FrRa**RfDbSgBhHsMtDsRgCnNhFlMcLvTsOg
*LaCePrNdPmSmEuGdTbDyHoErTmYbLu
**AcThPaUNpPuAmCmBkCfEsFmMdNoLr
Buadhan
SamhlaCs
Àireamh55
BuidheannMeatailt alcalaidh (1)
Ùine6
Blocas
SeòrsaMeatailtean alcalaidh
Buadhan stuthach
DathAirgead-òr
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da132.90545196(6)[1]
Comh-dhealbhadh atamach[Xe] 6s1
Cor ogsaideachaidh+1
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1375.7
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–12234.3
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–13400

Eachdraidh

Ann an 1860 lorg Robert Bunsen is Gustav Kirchhoff caesium ann an uisge-mèinnearach à Bad Dürkheim anns a' Ghearmailt. Chunnaic iad loidhnichean gorm mar sin dh'ainmich iad caesium às an Laideann caesius no "speur-ghorm".

Ann an 1881 rinn Carl Theodor Setterberg caesium fìor-ghlan.[3] Lorg e gum bu e an dòigh as fheàrr caesium a dhèanamh a bha ann an sruth dealain tro mheasgachadh CsCN agus Ba(CN)2 a chur.

Cleachdadh

Cleachdar caesium mar chaesium fhluaraid ann an lionn tollaidh agus ann an clocan caesium.

Iomraidhean

🔥 Top keywords: