Ròdium
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an ròdium le samhla Rh agus àireamh atamach 45. 'S e meatailt uasal agus tàmhach sam buidheann platanum a tha ann agus tha feartan ceimigeach coltach ri platanum agus paladium aige.
Ròdium | |
---|---|
Fùdar, siolandair agus peilear ròdium | |
Buadhan | |
Samhla | Rh |
Àireamh | 45 |
Buidheann | 9, còbalt |
Ùine | 5 |
Bloca | d |
Seòrsa | Meatailt trastach |
Buadhan stuthach | |
Dath | Airgead |
Teothachd leaghaidh | 2237 K (1964 °C, 3567 °F) |
Teothachd goilidh | 3968 K (3695 °C, 6683 °F) |
Buadhan atamach | |
Tomad atamach/Da | 102.90550(2)[1] |
Comh-dhealbhadh atamach | [Kr] 4d8 5s1 |
Cor ogsaideachaidh | −1, +1, +2, +3, +4, +5, +6 |
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 719.7 [kJ/mol] |
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 1740 [kJ/mol] |
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 2997 [kJ/mol] |
Eachdraidh
Ann an 1803 lorg William Hyde Wollaston ròdium ann an clach-phlatanum.[2] Dh'ainmich e "ròdium", às a' Ghreugais ῥόδον a tha a' ciallachadh "ròs", air sgàth 's gu bheil e a' toirt dath dearg do chuid chlachan-phlatanum.
Cleachdadh
Cleachdar ròdium ann an catailis ann an caraichean agus cuideachd niùtronan ann an readhactaran niùclasach a lorg.
Iomraidhean
🔥 Top keywords: