Hòmair

ʼS e Hòmair (Greugais: Όμηρος, Beurla: Homer) am bàrd Greugach a sgrìobh na dàin mhòra Iliáda agus Odýsseia. Chan eil mòran fiosrachaidh againn mʼ a dheidhinn - no fiù ʼs an robh an duine ann idir, oir tha feadhainn den bheachd gur e buidheann de dhaoine a sgrìobh na dàin sin. Tha feadhainn eile den bheachd gur e boireannach a bhʼ ann. A rèir seann-sgeul ʼs e bàrd dall a bhʼ ann a bha a' fuireach ann an Ionia. Thathar aʼ creidsinn gun robh e beò mu 800 R.Ch.[1][2]

Hòmair
Beatha
Ainm slànὍμηρος
Breithunknown value, linn IX BCE
DùthaichIonian League
CinneadhGrèigich
Ciad chànanSeann-Ghrèigis
BàsIos (en) Translate, linn VIII BCE
Foghlam
CànainSeann-Ghrèigis
Dreuchd
Dreuchdbàrd, ùghdar agus sgrìobhadair
Obraichean comharraichteIliad (en) Translate
Odyssey (en) Translate
Homeric epics (en) Translate
Gnè ealaineuchd-dhàn
IMDbnm0392955

Dh'eadar-theangaich Iain MacIllEathain à Ratharsair eadar-theangachadh an Odusseia gu Gàidhlig nuair a leig e a dhreuchd dheth ann an 1966. Dh'fhoillsich Gairm e, mar "Odusseia Homair", ann an 1976.[3]

Iomraidhean

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: