Malabhaidh

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Malabhaidh,[1][2], Malawi [3] neo Malaiwi[4][5] (Beurla: Malawi, IPA: |[malaβi]); ainm oifigeil: Poblachd Mhalabhaidh. B' e Nyasaland an seann ainm a bha oirre.Chan eilear cinnteach cò às a thàinig ainm na dùthcha. Tha aon mìneachadh ag ràdh gu bheil e a’ ciallachadh: "deàrrsadh na grèine ag èirigh thairis air an loch". 'S e seo a’ sealltainn ann am bratach na dùthcha cuideachd.

Dziko la Malaŵi
Republic of Malawi

Bratach

Lùireach
Laoidh Nàiseanta
Mulungu dalitsa Malaŵi (Chichewa)
"Oh God Bless Our Land of Malawi"
Sluagh-ghairm nàiseanta
Aonachd is Saoirse
Cànan(an) oifigeilBeurla
Mion-chànan(an)Chichewa (nàiseanta)
Prìomh-bhaileLilongwe
Baile as mothaBlantyre
RiaghaltasDeamocrasaidh pàrlamaideach
Ceann-suidheLazarus Chakwera
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd

bhon Rìoghachd Aonaichte

6mh an t-Ògmhios 1964
Poblachd6mh an t-Ògmhios 1966
Farsaingeachd
Iomlan118,484 km² (99mh)
Uisge20.6 %
Àireamh-shluaigh (2018)
Iomlan17,563,749 (62mh)
Dlùths109/km² (91mh)
LTD/CCC (2005)
gach pearsa$596 (181mh)
Roinn tìdeCAT (UTC+2)
Ruith-airgidKwacha
Prìomh àrainn-lìn.mw
Còd Àireamh fòn265

Tha crìochan aice san iar-thuath le Saimbia, sa tuath le Mòsaimbic agus san earra-dheas le Tansainìa.'S e Lilongwe prìomh-bhaile na dùthcha, ach 's e Blantyre am baile as motha a th' ann.

Cairt Mhalabhaidh

B’ e David Livingstone a’ chiad duine Eòrpach a ràinig air Malabhaidh anns a’ bhliadhna 1859. An uair sin b' iad na h-Albannaich a thòisich air eaglaisean agus miseanan a thogail, gu h-àraidh timcheall air Loch Mhalawi.

Loch Mhalawi le bàtaichean traidiseanta

Tha an gleann Great Rift Valley a’ ruith bho thuath gu deas. Anns a' ghleann seo tha Loch Mhalawi (ainm eile: Lake Nyasa).’S e an treasamh loch as motha ann an Afraga agus an deicheamh loch as motha air an t-saoghail. An–diugh tha e dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO.

Beinn Mulanje ann am Malabhaidh

Iomraidhean

🔥 Top keywords: