Na Seicich

'S e nàisean Slàbhach an Iar a tha anns na Seicich (Czechs sa Bheurla, Češi [ˈtʃɛʃɪ], o sheann cuideachd Čechové [ˈtʃɛxɔvɛː] sa Sheacais). Tha an cuid as motha aca a' fuireach anns an t-Seic, agus codaichean nas lugha ann an Slobhaigia, an Ostair, na Stàitean Aonaichte agus dùthchannan eile cuideachd. 'S e an cànan aca Seacais, a tha coltach ri Slobhacais agus Sorbais Uarach.

Seicich ainmeil

  • Naomh Václav (mu 907 - 935) (St Wenceslaus sa Bheurla), tèarmannair Bohemia
  • Tèarlach IV (1316 - 1378), naomh ìompaire Ròmanach agus rìgh Seiceach
  • Jan Hus (1372 - 1415) (John Huss sa Bheurla), sagart a bha buadhach airson na Pròstanach
  • Jan Amos Komenský (1592 - 1670) (John Amos Comenius sa Bheurla), fear-teagaisg agus sgrìobhaiche air an robh "tidsear nan nàisean"
  • Jaroslav Heyrovský (1890 - 1967), fear-saidheains a fhuair Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1959
  • Jaroslav Seifert (1901 - 1986), bàrd a fhuair Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1984
  • Miloš Forman (r. 1932), neach-stiùiridh film a fhuair an t-Oscar dà uair (One Flew Over the Cuckoo's Nest, 1975, agus Amadeus, 1984)
🔥 Top keywords: