Ròs-chraobh

Ròs-chraobh
Ròsan-craobh ann an lios
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Plantae
Clas Eudicots
Òrdugh Ericales
Teaghlach Ericaceae
Fo-theaghlach Ericoideae
Gèineas Rhododendron
Ainm saidheansail
Rhododendron Carl Linnaeus (1753)[1]

'S e lus a th' ann an ròs-chraobh. [2] Thàinig an t-ainm bho na fhaclan Greugach ῥόδον (rhódon) "ròs" agus δένδρον (déndron) "craobh"). [3]Mar sin nochd an t-ainm ann an iomadh canain mar "Rhododendron".

Tha e a' buntainn don teaghlach Ericaceae agus tha barrachd na 1,024 seòrsa ann. Tha e gu math cumanta ann an Àisia.

Rhododendron ponticum

Rhododendron ponticum

Tha an t-seòrsa Rhododendron ponticum ris an canar common rhododendron sa Bheurla cuideachd, a' buntainn do dh'Eòrpa a Deas is Àisia an Iar-dheas. A-nis tha iad a' fàs gu nàdarra ann an Sealainn Nuadh is Eòrpa an Iar. Tha e na trioblaid do na luibhean tùsanach air a' Ghàidhealtachd, san àirde a deas Shasainn is a' Chuimrigh.[4]Tha na ròsan-craobh a' fàs cho luath nach eil cothrom fàis ann airson nan luibhean ionadail. A bharrachd air sin tha fungas puinnseanach a' thiginn còmhla ris na ròsan-craobh, fungas a mhaireas beò fhad seachd bliadhna san talamh agus a chuireas bàs air na luibhean eile.[5]

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: