Łódź

Łódź
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Phòlainn
CeàrnŁódź fhèin
SgìreŁódź fhèin
Co-chomharran51° 45′ 00 Tuath
19° 28′ 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd293.25 km²
Àireamh-shluaigh706,004 (2014)
Dlùths2,407.52/km²
Àireamh fòn(+ 48) 42
Duilleag oifigeilhttp://www.uml.lodz.pl/

‘S e baile mòr ann am meadhan na Pòlainn a th’ann Łódź (IPA: wutɕ , Iùdais: לאדזש neo Lodzh, Laideann: Lodzia, Liotuànais: Lodzė, Gearmailtis: Lodsch agus Litzmannstadt bho 1940 gu 1945). Tha e suidhichte aig 198m os cionn ìre na mara,[1] anns a’ ghleann Ner, ri taobh na h-aibhne Ner, a shruthas chun na h-aibhne Warta.[2] Tha Łódź 221km air falbh bho Lublin, 188km bho Kraków, 294km bho Gdańsk agus 119km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3]‘S e baile neo-eisimeileachd a th’ann. Chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1332 ann an sgrìobhainn eaglaiseil, ri linn nam Piast, agus chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh ann an 1945.[4] A bharrachd air sin, ‘s e an treas baile as motha na dùthcha a th’ann.[5] Tha an t-ainm a’ ciallachadh bàta.[6]

Eachdraidh

‘S e dìreach baile beag ri taobh allt air an robh Lodka a bh’ann Łódź o shean.[7] Tha an t-allt fo thalamh an latha an-diugh. chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas ann an sgrìobhainn ann an 1332.[8] Tha Łódź gu math òg an coimeas ri na bailtean mòra eile na Pòlainn agus, a dh’aindeoin àireamh-sluaigh a’ bhaile, cha robh e a-riamh cho cudromach ri Kraków, Gdańsk neo Wrocław. Fhuair am baile beag a chuid chòirichean ann an 1423 on Rìgh Jogaila, a bha os cionn dàrna Rìoghachd na Pòlainn. Fiù’s ann an 1790 cha robh ach 190 nan tàmh an seo. Dh’fhàs am baile na bu mhotha fad an 19mh Linn is e fo bhuaidh na Na Ruise tro mheadhan an gnìomhachais, is an dùthaich air a roinneadh eadar a nàbaidhean.[9]

‘S e teis-mheadhan gnìomhachas a’ chlò anns A’ Phòlainn a bh’ann Łódź, mar Mhanchester thall ann an Sasainn. Chaidh àireamh-sluaigh a’ bhaile suas ann an ùine ghoirid bho mhìltean dhe daoine gu na ceadan dhe mìltean. Chaidh a’ chiad taigh-ghnìomhachas a’ chlò a thogail le Christian Friedrich Wendisch ann an 1826 agus Comann nan Ceannaiche-aodaich ann an 1825.[10] Dh’fhàs lìonmhor àireamh-sluaigh a’ bhaile aig àm an Tionndadh Gnìomhachais is ràinig mòran Ghearmailtich agus Iùdhaich. Fhuair na h-Iùdhaich a’ chiad chead aca gus a bhith a’ fuireach anns a’ bhaile ùr gnìomhachas sin ann an 1848. ann an 1894 bha 168,513 nan tàmh an seo. ‘S e baile measgaichte a bh’ann:[11] fo bhuaidh nan Ruiseanach, ‘s e Iùdhaich a bh’ann na luchd-ghnìomhachais, Gearmailtich a bh’ann na luchd-tasgaigh airgid agus Pòlaich a bh’ann na luchd-obrach anns na taighean-ghnìomhachais.

Ann an 1918, an dèidh 123 bliadhna,[12] bha A’ Phòlainn neo-eisimeileach a-rithist, is bha Łódź an sàs ann an gnìomhachas a’ chlò, is e am baile na bu chudromach na Roinn Eòrpa a bh’ann co-dhiù. Bha am baile cliùiteach airson a chuid chotain a bhathar a’ fighe anns na taighean-ghnìomhachais. A bharrachd air sin, bha an àireamh sa cheud dhe Iùdhaich na b’ àirde eadar na bailtean le còrr is 100,000 luchd-àiteachaidh san Roinn Eòrpa air fad aig Łódź. Ri linn an Dàrna Cogaidh, chaidh am baile a mhilleadh ann am pàirt le feachdan na Gearmailte, mar phàirt Plana Coitcheann an Ear (Gearmailtis: Generalplan Ost) mar bailtean eile anns A’ Phòlainn. Bha am broinn na Reichsgau Wartherland.[13] Chaill Łódź 420,000 luchd-àiteachaidh, a chaidh a thoirt am brùid gu campaichean-bàis, 300,000 Iùdhaich nam measg.

Daoine Ainmeil

  • Daniel Amit: (19382001) Fear-saidheans Iùdhach.
  • Jan Kowalewski: (18921965) Saighdear a bhrist còdaichean dìomhair nan Nàsach.
  • Maksymilian Faktorowicz: (18721938) Fear-gnìomhachas a stèidhich an companaidh Max Factor.
  • Aharon Kaztir: (19141972) Fear-saidheans a bhàsaich anns an ionnsaigh ceannairceach LOT.
  • Julian Tuwim: (18941953) Bàrd.
  • Mendel Grossmann: (19171945) Dealbhadair chàmara.
  • Artur Rubenstein: (18871982) Cluicheadair a’ phiàna.
  • Jan Karski: (19142000) Riochdaire dioplòmasach a shabaid an aghaidh nan Nàsach.
  • Natan Spigel: (18861942) Dealbhadair Iùdhach a bhàsaich ann an Treblikna.
  • Karl Dominik: (1980) Actair.

Bailtean Co-cheangailte

Dealbhan

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean

🔥 Top keywords: