Bilbao

Bilbao
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Roinn Bhizkaia
Sgìre Dùthaich nam Basgach
Co-chomharran43° 15' 25 Tuath
02° 55′ 25 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd40.65 km²
Àireamh-shluaigh353,187 (2008)
Dlùths8,688.49/km²
Àireamh fòn+ 34 944
Duilleag oifigeilDuilleag Oifigeil

‘S e baile uabhasach mòr agus port gu math cudromach anns an Dùthaich nam Basgach a th’ ann Bilbo neo Bilbao.[1] Thathar dhen bheachd gur ann às a’ Bhasgais Bil-Ibaia-Bao, a tha a’ ciallachadh Caladh na h-Aibhne, a th’ann an t-ainm,[2] ged a tha feadhainn eile a’ cumail a’ dol gur e dìreach ainm Spàinntis a th’ann, Bello Vado (Àite-coise Brèagha). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1300.[3] Tha Bilbao suidhichte eadar 19m agus 689m os cionn ìre na mara (33 m ann am meadhan)[4] faisg air Bàgh Bhiscay, ri taobh inbhir na h-aibhnichean Nervión agus Ibaizabal.[5] Tha Bilbao 329km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 50km bho Vitoria-Gasteiz, prìomh-bhaile Dùthaich nam Basgach[6] Tha 353,187 daoine a’ fuireach ann am Bilbao,[7] am baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach,[8] agus an 10mh baile as motha na Spàinne. [9] A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinn Bhizkaia a th' ann cuideachd.

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Bilbao.[10] Tuitidh 1131mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - dìreach 42mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[11] - leis gur e àite uabhasach fliuch a th' ann, an taca ri àiteachan eile san Spàinn.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

🔥 Top keywords: