Mulhouse

Mulhouse
Bratach a' bhaileGearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Fhraing
Ceàrn Alsace
Sgìre Haut-Rhin
Co-chomharran47° 44 58' Tuath
07° 20 24′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd22.18 km²
Àireamh-shluaigh111,860 (2008)
Dlùths5,043.28/km²
Àireamh fòn+33 03
Duilleag oifigeilhttp://www.ville-mulhouse.fr

'S e baile mòr air àirde an ear-dheas na Frainge a th’ ann am Mulhouse (IPA: myluz, Gearmailtis: Mülhausen, Elsässisch: Milhüsa). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Taigh a’ Mhuillein bho dhà fhacal anns a’ Ghearmailtis: Haus (Taigh) agus Mühle (Muillean). Tha e suidhichte aig 242m os cionn ìre na mara,[1] faisg air na crìochan leis an Eilbheis agus a' Ghearmailt, ri taobh na h-aibhnichean (Fraingis: Rivières) Doller agus Ill, a shruthas chun na Rhin fhèin, anns an roinn (Fraingis: Département) Haut-Rhin. Tha am baile 390km air falbh bho Pharis (Prìomh-bhaile na dùthcha), 687km bho Bhordeaux, 517km bho Mharseille agus 446km bho Lille.[2] Tha 111,860 duine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3] Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 803 (Mulinhuson). 'S e an 34mh baile as motha san dùthaich a th’ ann am Mulhouse.[4] Chaidh oilthigh a stèidheachadh anns a’ bhaile ann an 1975.[5]

Daoine ainmeil

Àireamh-sluaigh

BliadhnaDaoine
16993,302
17985,500
185030,000
189076,892
190089,118
191095,041
193996,697
BliadhnaDaoine
194687,000
1962110,735
1968118,558
1975119,326
1982113,794
1990109,905
1999112,002

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

🔥 Top keywords: