Na h-Eileanan a-staigh

'S e buidheann de eileanan san àird an iar-thuath na h-Alba a tha anns na h-Eileanan a-staigh. Tha an cuid as motha dhiubh nam pàirt den Chomhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd, ged a tha an t-Eilean Sgitheanach agus na h-eileanan beaga a tha timcheall air ceangailte le Comhairle a’ Ghàidhealtachd.

Na h-Eileanan a-staigh (dearg)

Tha roinn na turasachd gu math làidir air na h-eileanan. Tha na h-Eileanan a-staigh ainmeil cuideachd airson uisge-beatha, m.e.: Laphroaig neo Talisker. Tha mòran taighean–stail ann, gu h-àraidh air Ìle.

Na deich eileanan as motha

AinmFarsaingeachd (km2)Muinntir an àite (2001)An t-àite as àirde (meatair)
an t-Eilean Sgitheanach1.385/1.656,39.282993
Muile875,42.667966
Ìle619,63.457491
Diùra366,9188785
Rùm104,622812
Tiriodh78,3770141
Colla76,9164104
Colbhasa40,7108143
Eige30,567393
Lios Mòr23,5146127

a-rèir dè na tùsan a chleachdar

Sa Tuath

Tha na h-Eileanan a-staigh a Tuath a’ gabhail a-steach an t-Eilean Sgitheanach, na h-Eileanan Tarsainn agus cuid de na h-eileanan beaga a tha timcheall air an Eilean Sgitheanach. Tha iad nam pàirt den Chomhairle a’ Ghàidhealtachd. Seo cuid den fheadhainn bheaga:

Sa Deas

Tha na h-Eileanan a-staigh a Deas a’ gabhail a-steach Muile, Ìle, Diùra, na Slate Islands, na Treshnish Islands agus cuid de na h-eileanan beaga a tha timcheall air Muile. Tha iad nam pàirt den Chomhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd. Seo cuid den fheadhainn bheaga:

🔥 Top keywords: