Richard Wagner

B' e neach-ciùil Gearmailteach a bha ann an Richard Wagner (Leipzig, 22 an Cèitean 1813 - Venezia, 13 an Gearran 1883).

Richard Wagner
Beatha
Ainm slànWilhelm Richard Wagner
BreithLeipzig, 22 dhen Chèitean 1813
DùthaichRìoghachd Shagsainn
BàsVenezia, 13 dhen Ghearran 1883
Àite-adhlacaidhWahnfried (en) Translate
Nàdar a’ bhàisadhbharan nàdarra (greim-cridhe)
Teaghlach
AthairCarl Friedrich Wagner
MàthairJohanna Rosina Wagner-Geyer
CèileCosima Wagner (en) Translate
Minna Planer (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
FineWagner family (en) Translate
Foghlam
FoghlamOilthigh Leipzig
Kreuzschule (en) Translate
Thomasschule zu Leipzig (en) Translate
CànainGearmailtis
Luchd-teagaisgChristian Theodor Weinlig (en) Translate
OileanaichAnton Seidl (en) Translate
Dreuchd
Dreuchdceòl-sgrìobhaiche, librettist (en) Translate, stiùiriche-ciùil, aistear, stiùiriche tèatair, fèin-bheatha-eachdraiche, bàrd, cluicheadair piàna, sgrùdair ciùil, sgrìobhadair leabhair-latha agus sgrìobhadair
FastaicheanOilthigh Ciùil is nan Ealan Taisbeanail ann an Vienna
Obraichean comharraichteThe Flying Dutchman (en) Translate
Tristan und Isolde (en) Translate
Tannhäuser (en) Translate
Das Rheingold (en) Translate
Lohengrin (en) Translate
Der Ring des Nibelungen (en) Translate
Duaisean a fhuaras
BuaidhArthur Schopenhauer (en) Translate
BallrachdAcadamh Rìoghail na Suaine airson Ciùil
Corps Saxonia Leipzig (en) Translate
Far-ainmeanK. Freigedank agus H. Valentino
Gnè ealainopra
choral symphony (en) Translate
ceòl clasaigeach
Inneal-ciùilpiàno
Creideamh
CreideamhLutharanachd
IMDbnm0003471

Beatha Wagner

Rugadh e ann an Leipzig anns a' Ghearmailt sa bhliadhna 1813. Chaochail athair, Carl Friedrich Wagner (1770–1813), nuair a bha e sia mìos a dh'aois. Phòs a mhàthair, Johanna Rosine Pätz (1778–1848), a-rithist san 28 an Lùnasdal 1814. B' e cleasaiche agus bàrd a bha ann an Ludwig Geyer (1778–1821), leas-athair Wagner, a chaochail nuair a bha Wagner ochd bliadhna a dh'àois. Canar gun robh trioblaid le fèin-aithne aig Wagner fad a bheatha air sgàth "an dà athair aige".[1] Ghluais an teaghlach gu Dresden ann an 1814. Eadar 1821 agus 1827, an dèidh bàs an leas-athair, bha Wagner a' fuireach ann an Eisleben aig càirdean an teaghlaich.

Nuair a bha Wagner 16 bliadhna a dh'aois, chunnaic e an opara Fidelio (a chaidh a sgrìobhadh le Ludwig van Beethoven) ann an Leipzig. Bhon àm sin bha e soilleir do Wagner gum biodh e na cheòladair. Thòisich e pìosan ciùil a sgrìobhadh agus bho 1831 a-mach chaidh e don Oilthigh Leipzig. Anns a' bhliadhna 1833 chruthaich e a chiad opra: Die Feen ("Na Taibhsean").

San 24 an Sàmhain 1836 phòs e Wilhelmine "Minna" Planer (5 an t-Sultain 1809 - 25 am Faoilleach 1866) ann an Königsberg. B' e cleasaiche a bha innte. Eadar 1837 agus 1839 bha Wagner ag obair ann an Riga. An uair sin dh'fhalbh e air bàta gu Lunnainn. Air an t-siubhail seo a bha gu math stoirmeil, nochd am bun-bheachd mun "Der fliegende Holländer". Bho 1840 gu 1841 bha e a' fuireach ann am Paris agus an dèidh sin fhuair e obair ann an Dresden mar Kapellmeister aig an Semperoper. Air sgàth trioblaidean poileataigeach b' fheudar do Wagner a' Ghearmailt fhàgail agus chaidh e do Zürich (1849–1858) agus àitichean eadar-dhealaichte, gus an do dh'imrich e air ais don Ghearmailt ann an 1872. Chaidh an Richard-Wagner-Festspielhaus a thogail ann am Bayreuth a rèir phlanaichean Wagner.

Chaochail Wagner ann an Venice 13 an Gearran 1883.

Taghadh dhen Cheòl aige

  • Die Feen (1833-34, prìomh-thaisbeanadh 1888)
  • Das Liebesverbot oder Die Novize von Palermo (1834-36, prìomh-thaisbeanadh 1836)
  • Rienzi, der Letzte der Tribunen (1837-40, prìomh-thaisbeanadh 1842)
  • Der fliegende Holländer (1840-41, prìomh-thaisbeanadh 1843)
  • Tannhäuser und der Sängerkrieg auf Wartburg (1842-45, prìomh-thaisbeanadh 1845)
  • Lohengrin (1845-48, prìomh-thaisbeanadh 1850)
  • Der Ring des Nibelungen (prìomh-thaisbeanadh 1876), a tha a# gabhail a-steach ceithir pàirtean:
    • An oidhche tòiseachaidh: Das Rheingold (1851-54, prìomh-thaisbeanadh 1869)
    • A' chiad latha: Die Walküre (1851-56, prìomh-thaisbeanadh 1870)
    • An dàrna latha: Siegfried (1851-71, prìomh-thaisbeanadh 1876)
    • An treasa latha: Götterdämmerung (1848-1874, prìomh-thaisbeanadh 1876)
  • Tristan und Isolde (1856-59, prìomh-thaisbeanadh 1865)
  • Die Meistersinger von Nürnberg (1845-67, prìomh-thaisbeanadh 1868)
  • Parsifal (1865-82, prìomh-thaisbeanadh 1882)

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:


🔥 Top keywords: