Botsuana

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann Botsuana,[1][2][3][4] ainm oifigeil: Poblachd Bhotsuana. Tha crìochan aice sa tuath le Saimbia, san ear-thuath le Siombabue, san iar le Naimibia agus sa deas le Afraga a Deas.

Lefatshe la Botswana
Republic of Botswana

Bratach

Lùireach
Laoidh Nàiseanta
Fatshe leno la rona
Beannachd air an tìr uasal seo
Sluagh-ghairm nàiseanta
Pula
An t-uisge
Cànan(an) oifigeilBeurla, Canan Tswana
Prìomh-bhaileGaborone
Baile as mothaGaborone
RiaghaltasPoblachd phàrlamaideach
Ceann-suidheIan Khama
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Rìoghachd Aonaichte
30mh an t-Sultain 1966
Farsaingeachd
Iomlan581,726 km² (41mh)
Uisge2.5 %
Àireamh-shluaigh (2014)
Iomlan2,155,784 (145mh)
Dlùths3.7/km² (231mh)
LTD/CCC (2007)
gach pearsa$14,700 (60mh)
Roinn tìdeCAT (UTC+2)
Ruith-airgidPula
Prìomh àrainn-lìn.bw
Còd Àireamh fòn267

'S e fàsach a tha ann an 70% den dùthaich. Tha am Fàsach Kalahari suidhichte ann an iar-dheas Botsuana. 'S e an Okavango Delta an t-inbhir as motha air an t-Saoghail. Tha e ann an earra-thuath na dùthcha.

Fhuair an dùthaich neo-eisimeileachd bhon Rìoghachd Aonaichte anns a’ bhliadhna 1966, ach tha i fhathast nam ball den Cho-fhlaitheas.

B' e Botsuana aon de na dùthchannan as bochda a bha ann air feadh an t-Saoghail. Ach bhon àm ud, nuair a fhuair iad neo-eisimeileachd, dh’fhàs i nas beartaiche. Eadar 1966 agus 1999 chaidh an Làn-thoradh dùthchail suas mu 9% gach bliadhna.[5] Anns a' bhliadhna 2007 bha an GDP aig gach pearsa suas gu $14,700[6].

Iomraidhean

Ceanglaichean a-muigh

Cairt: Botsuana
Sprèidh aig toll-uisge faisg air Serowe.
Okavango Delta
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
🔥 Top keywords: